'Barrachd a dhìth' gus dèiligeadh le bàs dhrugaichean an sgìrean dùthchail

Jayne Donn agus Tanya NicCuthais, a tha air càirdean a chall ri linn mì-chleachdadh dhrugaichean
- Air fhoillseachadh
Dh'aidich Rùnaire Slàinte na h-Alba, Niall Gray BPA, gum feum barrachd a bhith air a dhèanamh gus dèiligeadh ri bàs co-cheangailte ri mì-chleachdadh dhrugaichean ann an sgìrean dùthchail na h-Alba.
Sin agus am BBC air fianais fhaighinn mu ghrunn bhàsan ann an sgìre an Òbain.
Anns na bliadhnaichean mu dheireadh, tha Alba air a bhith leis an ìre as àirde de bhàs a tha ceangailte ri mì-chleachdadh dhrugaichean san Roinn Eòrpa.
Chan eil figearan oifigeil ann a thaobh àireamhan bàis ri linn dhrugaichean aig ìre ionadail ann an Alba.
Ach ann an cladh anns an Òban, tha co-dhiù ochdnar a bhàsaich ri linn a leithid air an tìodhlacadh ri taobh a chèile thairis air bliadhna gu leth.
Beò-ghlacadh
Tha na càirdean aig cuid den fheadhainn a chaill am beatha air innse dhan BhBC gun robh duilgheadasan aca taic fhaighinn a thaobh slàinte-inntinn, taigheadais agus leigheis.
Bhruidhinn Jayne Donn agus Tanya NicCuthais, a tha air càirdean a chall ri linn mì-chleachdadh dhrugaichean ris a'BhBC.
Thug drugaichean bàs do mhac Jayne, Seumas, 's e dìreach 29 bliadhna de dh'aois.
"Mar ghille beag, bha falt bàn air, sùilean gorma, làn mì-mhodh.
"Mar inbheach, chan eil cuimhneachan ro mhath ann dheth, bha e gu math troimhe-chèile, bha e gu math feargach, bha e gu mòr air chall", thuirt Jayne.
Chaill Tanya a piuthar ri linn dhrugaichean cuideachd.
"'S e caractar air leth làidir a bh' innte, nam bheachdsa.
"Ach bha i a' faireachdainn tòrr rudan, bha i ciatach.
"Cha robh ùidh aice ann an drugaichean ach bha i air a beò-ghlacadh le Valium.
"A chionn 's gun robh i a' faighinn valium gu h-oifigeil, thòisich i ga cheannach air an t-sràid, bha i a' faireachdainn gun robh i feumach air barrachd, ag ràdh gun robh i ag iarraidh barrachd cuideachaidh, barrachd taice", thuirt Tanya.
Seirbheisean ath-shlànachaidh
Tha iad a-nis ag iarraidh air an riaghaltas barrachd a dhèanamh gus dèiligeadh leis an trioblaid ann an sgìrean dùthchail na h-Alba.
Thuirt Niall Gray nach eil a h-uile seirbheis ri faighinn air feadh na dùthcha agus gu bheil an riaghaltas a' feuchainn ri piseach a thoirt air an t-suidheachadh.
"Tha mi a' smaointinn gu bheil an dà chùis a tha sibh air a thoirt am follais ag innse dhomh gu bheil barrachd ri dhèanamh, gu dearbh fhèin, tha.
"Mar chuideigin a tha a' tighinn bho choimhearsnachd dhùthchail, eileanach, tha mi ag aithneachadh nach eil a h-uile rud ri fhaighinn anns a h-uile pàirt de dh'Alba.
"Mar sin, tha e cho cudromach gu bheil sinn a' dèanamh cinnteach gu bheil sinn ga dhèanamh comasach, aig amannan aig ìre roinneil, gu bheil cothrom aig daoine air goireasan a leithid sheirbheisean ath-shlànachaidh", thuirt Mgr Gray.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh26 An t-Samhain 2024

- Air fhoillseachadh27 An t-Samhain 2024

- Air fhoillseachadh25 An t-Iuchar 2023
