Àrdachadh mòr air bàs le drogaichean air a' Ghàidhealtachd
- Air fhoillseachadh

Chaidh an àireamh dhaoine a fhuair bàs air sgàth dhrogaichean an-àirde 41% air a' Ghàidhealtachd an-uiridh.
Tha seo a rèir staitistig ùir bho Chlàran Nàiseanta na h-Alba.
Sheall na fiogairean aca gun robh àrdachadh bho 13 tu 45 san àireamh dhaoine a bhàsaich air sgàth mì-chleachdadh dhrogaichean eadar 2017 agus 2018.
Bha àrdachadh 8% ann an sgìre NHS Roinn a' Mhonaidh - bho 85 gu 92 daoine.
Anns na h-Eileanan an Iar chaidh an àireamh sìos bho thrìuir gu dithis a chaill am beatha tro dhrogaichean.
Ann an Alba air fad thug drugaichean bàs do 1,187 daoine an-uiridh, a' fàgail gu bheil an ìre bàis cha mhòr a thrì uimhir nas àirde an taca ris a' chòrr den Rìoghachd Aonaichte.
Tha Riaghaltas na h-Alba air buidheann-ghnìomh a stèidheachadh a nì sgrùdadh air an t-suidheachadh.