"Fìor oidhirp sgioba" a bhuannaich Cupa MhicAmhlaigh dhan Òban

Ross MacMhaolain leis an tadhal a bhuannaich an cupa do Chamanachd an Òbain
  • Air fhoillseachadh

Thuirt manaidsear Camanachd an Òbain gun do sheall an sgioba aige an spiorad a th' aca le a bhith a' buannachadh Cupa MhicAmhlaigh dìreach seachdain às dèidh dhaibh a dhol a-mach à Cupa na Camanachd air buillean-peanais.

Rinn an t-Òban a' chùis 2-1 air Ceann a' Ghiùthsaich ann an ùine a bharrachd aig Pàirc Mossfield airson Cupa MhicAmhlaigh a thogail 'son a' chiad uair bho 2023.

Bha iad air a dhol air thoiseach tro Ross Caimbeul is 17 mionaidean air an cluich - oidhirp bho astar ris nach do dhèilig Bob MacGriogair eadar na puist do Cheann a' Ghiùthsaich.

Chuir MacLeod Dawson òg tadhal le 13 mionaidean air fhàgail gus an geama a thoirt do dh'ùine a bharrachd, ach 's iad sgioba an Òbain a fhuair an ath thadhal cudromach bho Ross MacMhaolain gus an cupa a bhuannachadh.

"Tha mi cho moiteil às na balaich," thuirt Daniel Camshron, is e ag radh gur e briseadh-dùil mòr a bh' aca an aghaidh Bhaile Ùr an t-Slèibh ann an Cupa na Camanachd.

"Buille mhòr a bh' ann an t-seachdain seo chaidh is bha iad sgìth - bha e doirbh an togail agus an uairsin ùine a bharrachd a chluich a-rithist an seo.

"Tha mi cho moiteil àsta uile - 's e fìor oidhirp sgioba a bha seo."

Tha e a' ciallachadh gu bheil Cupa MhicAmhlaigh aig an Òban a-nise cho math ris a' Chupa Cheilteach a bhuannaich iad san Ògmhios.

Thuirt an Camshronach aig an àm sin gur e an targaid a bh' aige a' bheàrn gu Ceann a' Ghiùthsaich is Baile Ùr an t-Slèibh a dhùnadh - is faodaidh e a ràdh a-nise gu bheil an dà gheama mu dheireadh air sealltainn nach eil beàrn idir ann.

Cuairt dheireannach Chupa MhicAmhlaigh

Camanachd an Òbain 2 Ceann a' Ghiùthsaich 1

Lìog

Sa Phrìomh Lìog Disathairne rinn Baile Ùr an t-Slèibh a' chùis 5-0 air Caol Bhòid agus shoirbhich Cabar Fèidh 3-2 an aghaidh nan Sgitheanach ann am Port Rìgh.

Sa gheama eile chrìochnaich Caol-Gleann is An Gearasdan co-ionnan 1-1 aig Clachan Ghlinn Da-Ruail.

Ann an Lìog Tuath 2 's e 3-2 a bh' ann dha na Leòdhasaich an aghaidh Loch Carran.

Bha aona gheama ann am Prìomh Lìog nam ban is Bàideanach air a' chùis a dhèanamh 1-0 air GMA le tadhal bho Zoe Reid.

Tha geama fìor mhòr ann a-nise Didòmhnaich seo tighinn eadar Bàideanach is Ceann Loch Seile.

Tha Bàideanach feumach air puing airson an lìog a bhuannachadh ach bidh an gnothach ann an làmhan Cheann Loch Seile ma nì iadsan a' chùis.

Duilleagan eadar-lìn co-cheangailte