Sgeama nan Oifigearan Gàidhlig fosgailte às ùr

- Air fhoillseachadh
Dh'fhosgail Bòrd na Gàidhlig maoin Sgeama nan Oifigearan Gàidhlig do dh'iarrtasan gus taic a chumail ri buidhnean stèidhichte sa choimhearsnachd gus oifigear fhastadh airson gnìomhan is leasachadh Gàidhlig a dhèanamh.
Chaidh an sgeama fhosgladh às dèidh dearbhadh bho Riaghaltas na h-Alba gum biodh £510,000 de mhaoineachadh a bharrachd ri fhaotainn don Bhòrd gus an sgeama a lìbhrigeadh ann an 2025/26, le £90k tighinn bho buidseat eile a' Bhùird.
Bidh an sgeama a' cumail taic ri dreuchdan eadar an t-Iuchar am-bliadhna is am Màrt 2028, ach tha am Bòrd ag ràdh a rèir iarrtasan gur dòcha gun tèid taic bliadhna no dà bhliadhna a thabhann do bhuidhnean.
Bha ùpraid ann sa Ghearran an-uiridh nuair a thàinig e am bàrr gun cuireadh gearradh £354,000 bhon Riaghaltas ann am maoineachadh Bhòrd na Gàidhlig às dhan sgeama.
Bha fearg ann an aig ìre na coimhearsnachd mun ghnothach is an gearradh a' toirt buaidh air 27 dreuchd a bha a' faighinn taic às.
Dh'innis buidhnean air an robh e a' toirt buaidh gur e "call mòr" a bh' ann dhaibh.
Air a' cheann thall chaidh an sgeama a ghlèidheadh is Riaghaltas na h-Alba air barrachd airgid a thoirt do Bhòrd na Gàidhlig.
Dh'iarr iad aig an àm air a' Bhòrd sgrùdadh a dhèanamh air an sgeama is plana ullachadh airson mar a dh'obraicheadh e gu seasmhach san àm ri teachd.
Sgeama nan Oifigearan Gàidhlig air a ghlèidheadh
- Air fhoillseachadh5 An Giblean 2024
Fàilte air àrdachadh £5m ann am maoineachadh na Gàidhlig
- Air fhoillseachadh5 An Dùbhlachd 2024
Grunn atharrachaidhean am Bile nan Cànanan is taic 'son inbhe SMO àrdachadh
- Air fhoillseachadh11 An Dùbhlachd 2024
"Tha sinn air leth toilichte gu bheil e air a bhith comasach dhuinn an sgeama seo fhosgladh do dh'iarrtasan agus gun tèid a lìbhrigeadh airson cha mhòr trì bliadhna," thuirt Stiùiriche Leasachaidh Bhòrd na Gàidhlig, Iain Mac a' Mhaoilein.
"Leis a sin, tha sinn a' coimhead airson iarrtasan làidir, bho bhuidhnean a tha ann an suidheachadh far am bi buaidh mhòr aca air leasachadh na Gàidhlig sa choimhearsnachd."
Thuirt an Leas-Phrìomh Mhinistear Ceit Fhoirbeis, air a bheil uallach 'son na Gàidhlig, gu bheil Riaghaltas na h-Alba ag aithneachadh cho cudromach 's a tha e an cànan a neartachadh sa choimhearsnachd.
Tha i ag ràdh gur a prìomhachas a tha sin ann am Bile nan Cànanan Albannach.
"Tha e riatanach gu bheil a' Ghàidhlig air a cur air adhart aig ìre na coimhearsnachd am measg a h-uile aois agus anns an àireimh as motha de shuidheachaidhean," thuirt a' Bh-Ph. Fhoirbeis.
"Gu dearbh, 's e prìomhachas a tha seo a chìthear ann am Bile nan Cànanan Albannach a tha an-dràsta a' gluasad tro Phàrlamaid na h-Alba.
Tha Iain Mac a' Mhaoilein ag ràdh gu bheil sùbailteachd anns an sgeama à rèir feumalachdan gach coimhearsnachd
"Air sgàth seo, tha mi toilichte gun lean Riaghaltas na h-Alba a' cur taic ris an Sgeama Oifigearan Gàidhlig.
"Tha seo a' toirt cothrom chudromaich don Ghàidhlig a bhith air a stèidheachadh ann am pròiseactan ionadail agus a bhith air a riochdachadh tro iomairtean coimhearsnachd."
Faodaidh buidhnean tagradh a dhèanamh airson taic-maoineachaidh bhon sgeama suas dhan Mhàrt 2028.
Feumaidh tagraidhean a bhith a-staigh ron 5mh den Ògmhios 2025.
Gheibhear barrachd fiosrachaidh air làrach-lìn Bhòrd na Gàidhlig, taobh a-muigh.