Ath-sgrùdadh air sgoiltean nan Eilean Siar air fad ga mholadh

Tha Sgoil an Tairbeirt am measg nan sgoiltean a tha air an cumail "gu ìre fìor àrd" a rèir oifigearan comhairle
- Air fhoillseachadh
Thathar a' sireadh taic chomhairlichean airson ath-sgrùdadh iomlan de thogalaichean sgoile nan Eilean Siar feuch dè an staid sa bheil iad agus am bi iad math gu leòr airson foghlam a thoirt seachad san àm ri teachd.
Beachdachaidh Comataidh an Fhoghlaim air aithisg Dimàirt a tha ag ràdh gur dòcha gum faodadh iad coimhead fhathast, am measg eile, air sgoiltean a dhùnadh, ùrachadh neo a chur còmhla ri seirbheisean eile air an aon làraich.
Tha an aithisg - leis an Àrd-oifigear Martin Joyce, Stiùiriche an Fhoghlaim, Dòmhnall MacLeòid agus Àrd-oifigear a' Bhun-structair, Calum MacCoinnich - ag ràdh gun deach aithneachadh mar-tha "na tha feumach air maoineachadh, nam measg Sgoil Lionail a tha na phrìomhachas".
Tha mu 55% de chloinn-sgoile na sgìre gan teagasg ann an sgoiltean a thogadh eadar 2011 is 2015 a tha an staid mhath, ach "feumar beachdachadh air togalaichean foghlaim eile ùrachadh neo airgead a chosg orra".
Chaidh an sgoil as sine a thogail ann an 1903, agus tha trì eile ann a tha seachad air 90 bliadhna de dh'aois.
Moladh ann sgoil ùr a thogail ann an Nis
- Air fhoillseachadh12 An t-Ògmhios
Cluinnidh comhairlichean gu bheil ath-sgrùdadh a dhìth gus am bi fianais aca airson co-dhùnaidhean neo iarrtasan maoineachaidh san àm ri teachd.
Chaidh sia sgoiltean ùra a thogail eadar 2009 agus 2017 mar phàirt de Phròiseact Sgoiltean nan Eilean Siar luach £125m - Sgoil an Rubha, Sgoil Bhaile a' Mhanaich, Sgoil Dhalabroig, Sgoil an Taobh Siar, Sgoil MhicNeacail agus Sgoil an Tairbeirt.
Tha iad sin air an coimhead às an dèidh "gu ìre fìor àrd", ach tha an aithisg ag aithneachadh gum feumar plana a dhèanamh nuair a bhios cùmhnant stiùiridh nan goireasan a mhaireas 25 bliadhna seachad.
Tha an aithisg ag ràdh gu bheil sgoiltean nach robh mar phàirt de phrògram ùrachaidh na Comhairle a-nis ann an "caochladh diofar staidean".
"Cha deach co-dhùnadh a dhèanamh"
Thèid measadh a dhèanamh air "sreath de dhiofar roghainnean" do na làraichean fa leth, nam measg:
sgoil a chumail mar a tha i
airgead a chosg air sgoiltean a leasachadh
goireasan foghlam agus seirbheisean eile a bhith air an aon làraich
sgoiltean a dhùnadh neo an cur còmhla
foghlam didseatach ùr-nòsach a thoirt seachad
Tha an aithisg ag ràdh "nach deach co-dhùnadh a dhèanamh air dè an roghainn as fheàrr do sgoil sam bith".
Tha dùil gun cosgadh an t-ath-sgrùdadh timcheall air £25,000, agus gun cosgadh measaidhean air staid nan sgoiltean agus cho freagarrach 's a tha iad eadar £150,000 agus £200,000.
Campas Bhatarsaigh is Bharraigh "air an t-slighe cheart"
- Air fhoillseachadh3 An Gearran
Cùis gnothachais 'son Campas Bhatarsaigh is Bharraigh ga ullachadh
- Air fhoillseachadh11 An t-Ògmhios
Dhearbh an aithisg cuideachd gun robh coinneamh mu Champas Coimhearsnachd Bharraigh is Bhatarsaidh eadar riochdairean na Comhairle is NHS nan Eilean Siar le oifigich riaghaltais air an 2na den t-Sultain.
Tha iad "toilichte" gu bheil an riaghaltas air maoineachadh a ghealltainn airson cosgaisean ro-thogail, ach "nach eil e dearbhte" dè na gheibh iad de dh'airgead.