Moladh ann sgoil ùr a thogail ann an Nis

Sgoil Lionail
LeAilig John Moireasdan
BBC NaidheachdanAg aithris àLeòdhas
  • Air fhoillseachadh

Thèid aithisg air beulaibh chomhairlichean nan Eilean Siar Dimàirt a tha ag ràdh gum feum sgoil ùr a bhith air a togail ann an Nis an àite Bun-sgoil Lionail.

Tha sgrùdadh a' sealltainn gu bheil an togalach ann an droch staid agus thèid iarraidh air buill aontachadh gum bu chòir sgoil ùr a bhith na prìomhachas.

Tha muinnir Nis air a bhith a' strì airson leasachadh a dhèanamh air Sgoil Lionail 'son ùine is gearanan ann mu staid an togalaich.

A rèir phàrantan bidh bùrn a' tighinn a-steach bho mhullach an togalaich, tha seòmraichean ann nach urrainnear a chleachdadh, a thuilleadh air duilgheadasan le siostaman teasachaidh bho àm gu àm.

Tha còrr is 70 sgoilear ann an Sgoil Lionail an-dràsta is tha amar-snàimh na cois is e ceangailte ri Spòrsnis.

Ann an 2023 fhuaireadh maoineachadh calpa còrr is £1m bho Riaghaltas na h-Alba airson Hub Coimhearsnachd is Gàidhlig a chruthachadh san sgoil.

Ach tha an aithisg, taobh a-muigh a thèid air beulaibh Comataidh an Fhoghlaim Dimàirt ag ràdh gu bheil sgrùdadh air sealltainn nach eil an togalach idir ann an deagh staid agus gu bheil e a' dol bhuaithe.

Thathar ag ràdh mar sin nach biodh e ciallach no iomchaidh a dhol air adhart le hub a stèidheachadh ann.

Tha an aithisg a' co-dhùnadh gum bu chòir dha a bhith na phrìomhachas dha Comhairle nan Eilean Siar sgoil ùr a thogail air an aon làraich.

Tha staid an togalaich cho dona, tha e ag ràdh, is gum bu chòir am pròiseact prìomhachas fhaighinn, mar a tha aig pròiseactan gus Campas Bhatarsaigh is Bharraigh a thogail agus talla-spòrs ùr a stèidheachadh aig Bun-sgoil Steòrnabhaigh.

Tha an dà phròiseact sin mar-tha ann am prògram calpa na comhairle.

Thèid iarraidh air comhairlichean aig a' choinneimh an taic a chur ri sgoil ùr a thogail ann an Nis agus gun tòisich oifigearan sgrùdadh air roghainnean maoineachaidh.

Tha a' chomhairle an dòchas gum biodh am maoineachadh 'son an leasachaidh a chaidh aontachadh trì bliadhna air ais fhathast ann airson sgoil ùr a thogail.

Tha BBC Naidheachdan a' tuigsinn gun do dh'innis ceannard an fhoghlaim do phàrantan gun cosgadh obair-càraidh air an togalach a th' ann eadar £5m is £6m, agus gu bheilear an dùil gun cosgadh sgoil ùr eadar £8m is £9m.