Cùis gnothachais 'son Campas Bhatarsaigh is Bharraigh ga ullachadh

Bàgh a' Chaisteil ann am BarraighTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Dhearbh Ministear Riaghaltas na h-Alba gu bheil na com-pàirtichean a tha an sàs ann an Campas Bhatarsaigh is Bharraigh a-nis ag ullachadh cùis-ghnothachais 'son am pròiseact a thoirt air adhart.

Fhreagair am Ministear airson Ùr-ghnathachais, Teicneòlais is Foghlaim Treasaich, Ben Mac a' Phearsain, ceist bho Bhall-Phàrlamaid Albannach nan Eilean Siar, Dòmhnall MacFhionghain, mu dè an ìre aig an robh am pròiseact.

Thuirt am ministear gu bheil Riaghaltas na h-Alba a' seasamh gu daingeann ris na gheall iad airson Campas Bhatarsaigh is Bharraigh a lìbhrigeadh agus gu bheil iad air a bhith ag obair gu dlùth ris an ùghdarras ionadail agus ri NHS nan Eilean Siar airson sin a thoirt gu buil.

Bha gealltanas ann am prògram reachdais Riaghaltas na h-Alba sa Chèitean gun rachadh am pròiseact air adhart.

Iomhaigh didseatach de thogallach ùr geal ann am Bàgh a' ChasteilTùs an deilbh, Còmhairle nan Eilean Siar
Fo-thiotal an deilbh,

Dreach de phlana airson Campas Bharraigh a chaidh a dhealbhachadh le Còmhairle nan Eilean Siar ann an 2023

Thuirt am ministear gun robh iad air grunn choinneamhan a chumail ris a' chomhairle agus ris a' bhòrd slàinte airson am pròiseact a thoirt air adhart.

"Às dèidh na coinneimh a bha againn sa Mhàrt, tha com-pàirtichean an sàs gus cùis-ghothachais a leasachadh.

"Tha fadachd oirnn gum bi am pròiseact a' gluasad air adhart cho luath 's a ghabhas dèanamh", thuirt Mrg Mac a' Phearsain.

Dh'iarr Dòmhnall MacFhionghain air a' mhinistear clàr-ama a mhìneachadh mu cùine a rachadh am pròiseact a lìbhrigeadh, 's e ag ràdh gun deach aithneachadh bho chionn 20 bliadhna gun robh feum air ospadal ùr ann am Barraigh.

Thuirt am ministear gu bheil Riaghaltas na h-Alba ag obair gu dlùth ris na com-pàirtichean mar a' bhuidhinn as motha a tha a' cur maoin-airgid ris a' phòiseact.

Gheall e cuideachd gun tèid a' chuis-gnothachais a mheasadh tro phròiseas dearbhaidh làidir nuair a thèid sin a chur mun coinneimh.

Thèid Campas Bhatarsaigh is Bharraigh a dheasbad le Comataidh Foghlaim, Spòrs agus Sheirbheisean Cloinne, taobh a-muigh aig Comhairle nan Eilean Siar an ath-sheachdain.

Tuilleadh air an sgeulachd seo