Plana 'son ionad-turasachd aig àite-amhairc 'mapa na h-Alba' air a tharraing

Loch Garaidh Tùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Bhon àite-amhairc tha an loch a' coimhead coltach ri cumadh tìr-mòr na h-Alba

  • Air fhoillseachadh

Chaidh planaichean airson ionad turasachd air làrach os cionn Loch Garaidh an Loch Abar a tharraing.

Tha iad ag ràdh gu bheil an sealladh às an àite-amhairc far an robhar airson a thogail coltach ri cumadh tìr-mòr na h-Alba.

Chuir Black Sheep Management Services an tagradh dealbhachaidh a-steach airson ionad-tadhail, café, bùth agus raon-chàraichean an-uiridh.

Dhearbh a' chompanaidh gun do tharraing iad na planaichean agus gun robh iad a' deasachadh feadhainn ùra.

Bha cuid sa sgìre air cur an aghaidh a' phròiseict, le luchd-còmhnaidh a' togail draghan mu na bhiodh ann de thrafaig, a' bhuaidh air an àrainneachd agus gum biodh an goireas a' toirt luchd-tadhail air falbh bho thalla-coimhearsnachd.

Thuirt neach-labhairt na companaidh gu bheil iad fhathast airson leantainn orra leis a' phròiseact.

Thuirt iad gun do tharraing iad an t-iarrtas dealbhachaidh an dèidh measadh air solar-uisge agus an drèanadh na chois.

Thuirt an neach-labhairt gun tòisicheadh iad an-dràsta fhèin air tagradh planaidh ùr a dheasachadh airson a chur a-steach do Chomhairle na Gàidhealtachd.