CnES a' sireadh taic bho Westminster gus "toll ionmhais" Bhrexit a lìonadh

Pòl SteeleTùs an deilbh, Pàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte
LeNiall O'Gallagher
Fear-naidheachd poileataigeach
  • Air fhoillseachadh

Thuirt ceannard Comhairle nan Eilean Siar gum bu chòir do Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a' bheàrn ionmhais a chaidh fhàgail le Brexit a lìonadh gus pròiseactan bun-structair a mhaoineachadh.

Bha Pòl Steele a' bruidhinn is e am measg na bha a' toirt seachad fianais do Chomataidh nan Cùisean Albannnach aig Westminster Diciadain.

Tha a' chomataidh an-dràsta a' coimhead ris an argamaid airson cheanglaichean stèidhichte - leithid tunailean is drochaidhean - eadar eileanan na h-Alba agus a bheil àite aig Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte ann a bhith a' cur taic ri pròiseactan mar seo.

Bha Comhairle nan Eilean Siar mar-thà air taic a chur ri ceanglaichean stèidhichte thairis air Caolas na Hearadh is Caolas Bharraigh san fhreagairt sgrìobhte aca chun na comataidh nas tràithe am-bliadhna.

A' bruidhinn aig Westminster Diciadain, thuirt Mgr Steele gun robh maoineachadh Eòrpach do bhun-structar "glè chudromach" roimhe agus nach d' fhuair na h-Eileanan an Iar an aon ìre de thaic-airgid o dh'fhàg Breatainn an t-Aonadh Eòrpach.

"Bha a' mhòr-chuid de na leasachaidhean mòra rathaid againn san 20 no 30 bliadhna mu dheireadh, thàinig iad tro thaic às an Roinn Eòrpa," thuirt Mgr Steele ri buill na comataidh.

"Tha sinn den bheachd gu bheil àite aig Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte ann a bhith a' lìonadh an tuill sin.

"Bha an Roinn Eòrpa air aithne a thoirt dhuinn mar àite air an oir. Tha sin air sguir bho Bhrexit is tha sinn air an ìre de mhaoineachadh a bh' ann a chall.

"Bha sin fìor chudromach dhuinn a thaobh sluagh a ghlèidheadh."

Fhuair Mgr Steele taic bho leas-cheannard Comhairle Shealtainn, Gary Robinson.

Thuirt Mgr Robinson gu bheil an EU bho chionn ghoirid air taic 'son eileanan is sgìrean dùthchail eile a neartachadh, ach gun robh coltas ann aig an dearbh àm gu bheil an Rìoghachd Aonaichte air cùisean a lagachadh.

Thuirt Mgr Robinson ged a bhiodh cosgais an lùib thunailean sa chiad dol a-mach, gum biodh buannachd ann fad còrr is 100 bliadhna.

Thuirt Mgr Steele cuideachd gur dòcha gun robh duilgheadasan làitheil nan seirbheisean aiseig air aire Riaghaltas na h-Alba a thoirt air falbh bho phlanaichean gus ceanglaichean eadar na h-eileanan a chur am feabhas.

Thàinig sin ann am freagairt do cheist bhon bhall Làbarach Kirsteen Sullivan, a bha air faighneachd carson nach robh cùisean air gluasad air adhart a thaobh cheanglaichean stèidhichte, a dh'aindeoin gealltanas ann am Plana Nàiseanta nan Eilean gun tèid coimhead ri drochaidean agus tunailean anns na h-Eileanan an Iar.

Bidh co-chomhairle ann air na molaidhean sin fhathast.

"Gu mì-fhortanach tha sinn a' bruidhinn ri Riaghaltas na h-Alba mu chòmhdhail cha mhòr gach là," thuirt Mgr Steele.

"Chan e ceanglaichean stèidhichte a th' ann ge-tà ach aiseagan - oir tha na h-uimhir de thrioblaidean air a bhith againn thairis air na bliadhnaichean.

"'S e sin am fòcas a th' air a bhith ann is tha mi a' smaointinn gur dòcha gur e sin as coireach nach eil sinn air bruidhinn riutha mu cheanglaichean stèidhichte".

Thuirt Mgr Steele cuideachd gu bheil Comhairle nan Eilean Siar airson is gun iarr Còmhdhail Alba beachdan air ceangal stèidhichte eadar na h-Eileanan an Iar is tìr-mòr nuair a nì iad a' cho-chomhairle aca.

Thuirt e gum biodh e feumail tomhas fhaighinn air dè an taic a th' ann am measg mhuinntir nan Eilean Siar airson ceangal den leithid.

San fhreagairt sgrìobhte aca fhèin chun na comataidh, bha Comhairle nan Eilean Siar air leigeil fhaicinn gur e ceanglaichean stèidhichte thairis air Caolas na Hearadh is Caolas Bharraigh am prìomh amas a bh' aca, seach tunail no drochaid gu tìr-mòr.