An Eaglais Shaor air ministear a chur às a dhreuchd

Bob Akroyd
Fo-thiotal an deilbh,

Bha an Dr Akroyd na shean mhodaràtair air Àrd-sheanadh na h-Eaglaise Saoire

  • Air fhoillseachadh

Tha Eaglais Shaor na h-Alba air fear de na ministearan aig àrd-ìre aca a chur às a dhreuchd an dèidh sgrùdadh a fhuair gun robh e ri "conaltradh mì-iomchaidh".

Tha Bob Akroyd, a bha na mhodaràtair air Àrd-sheanadh na h-Eaglaise Saoire ann an 2023-24, cuideachd air obair a chall aig Sgoil-diadhaireachd Dhùn Èideann.

Tha an Dr Ackroyd air aideachadh ris a' chasaid agus air a ràdh cho duilich 's a tha e.

Rinn Comataidh Giùlain agus Ghearanan na h-Eaglaise sgrùdadh an dèidh dhaibh gearan fhaighinn mun dol a-mach aige, agus chaidh a' chasaid a chur mu choinneamh Clèir Dhùn Èideann agus Pheairt.

'S iad-san "a chuir às a dhreuchd e gun cheann-ùine" mar mhinistear agus mar òraidiche.

Thuirt an Eaglais Shaor gun robh iad fo bhròn airson an neach a thog gearanan, agus gun robh tuigse aca air cho mòr 's a bhiodh a' bhuaidh air an fheadhainn air an robh a' chùis seo a' bualadh.

Thuirt fear-labhairt: "Tha Eaglais Shaor na h-Alba a' sùileachadh inbhean aig an ìre as àirde a thaobh giùlain, dleastanais agus cùraim bho na ministearan aice agus, gu mì-fhortanach, sa chùis seo, cha deach na h-inbhean seo a choileanadh."