Naidheachdan 10:00m

Iain Swinney

Tha Iain Swinney, ceannard an SNP, a' gabhail nam bòidean foirmeil aige mar Phrìomh Mhinistear ùr na h-Alba aig Cùirt an t-Seisein ann an Dùn Èideann dìreach an-dràsta fhèin. Feumaidh e an uairsin caibineat ùr a thaghadh airson riaghaltais.

Ìre na h-atmhorachd

Tha ìre na h-atmhorachd anns an Rìoghachd Aonaichte air tuiteam gu 2.8% anns a' Ghiblean. Tha dùil gun robh làmh aig ìsleachadh ann am prìs an dealain is a' ghas anns a' chùis. Bha buaidh cuideachd aig prìsean làithean-saora a' tighinn a-nuas agus cuideachd ìsleachadh ann am prìs teòclaid, tha e coltach.

Tubaist rathaid

Thuirt poilis gun deach fireannach aois 59 a chur ann an greim agus fo chasaid co-cheangailte ri tubaist rathaid ann an Dùn Dòmhnaill an-dè. Bha motor-baidhseagal agus dithis air baidhseagalan an sàs anns an tubaist mu 1:00f air an A832. Chaidh dithis fhireannach agus boireannach a thoirt dhan ospadal ann an Inbhir Nis. Chaidh aithris gu Neach-casaid a' Chrùin agus nochdaidh an duine a tha fo chasaid sa chùirt uaireigin eile.

Bochdainn chloinne

Tha an còigeamh cuid de chloinn ann an sgìre NHS na Gàidhealtachd a' tighinn beò ann am bochdain. Thug am bòrd slàinte rabhadh seachad gu bheil seo a' toirt buaidh gu sònraichte orrasan ann an coimhearsnachdan dùthchail. A rèir a' bhùird shlàinte, tha cha mhòr 22% den ìre mhath 13,000 duine cloinne fo aois còig bliadhna beò ann am bochdainn. Tha seo bho àireamhan a chaidh fhoillseachadh ann an 2024.

Partaidh Uaine na h-Alba

Tha tè a bha roimhe na tagraiche airson Partaidh Uaine na h-Alba air innse dhan BhBC gun deach iarraidh oirre seasamh sìos o chionn 's gun robh i air bhìosa do dh' oileanaich, a dh'aindeoin 's gun deach a cheadachadh do thagraiche eile a bh' anns an aona shuidheachadh seasamh. Bha dùil aig Sai Shraddha Suresh Viswanathan- às na h-Innseachan - seasamh air taobh an Ear Thuath na h-Alba ach tha i a' cumail a mach gun do dh'iarr am partaidh oirre tarraing a-mach air sàillibh suidheachadh a' bhìosa aice. Tha na h-Uainich Albannach air a dhol às aìcheadh gun do chuir iad bacadh oirre.