Gearan mu "chion spèis" bho chompanaidh an Gleann Garadh

Loch GharadhTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Bithear ag ràdh gu bheil Loch Garaidh coltach ri mapa de dh'Alba

  • Air fhoillseachadh

Thuirt fear de chomhairlichean Loch Abair nach eil a' chompanaidh phrìobhaideach a tha air cùlaibh iarrtas cead dealbhachaidh chonnspaidich ann an Gleann Garadh air spèis gu leòr a shealltainn dhan choimhearsnachd.

Tha Black Sheep Management Services, a tha a' ruith corra thaigh-òsta is taigh-bidhe air a' Ghàidhealtachd, airson ionad turasachd a thogail os cionn Loch Garaidh.

Chaidh tachartas fiosrachaidh a chumail ann an Inbhir Gharadh Dhiardaoin.

Tha Black Sheep Management Services airson àite-amhairc a th' aca mar-thà a leudachadh.

Dh'iarradh iad barrachd dhaoine a thàladh ann le bhith a' togail ionaid do luchd-tadhail le taigh-bìdh is bùth, le àitichean-parcaidh gu leòr airson 120 carbad.

Dealbh de na planaichean aig Black Sheep Management Services le ionad ùr air a thogail fon rathad.Tùs an deilbh, HarrisonStevens
Fo-thiotal an deilbh,

Tha a' chompanaidh ag ràdh gun cuireadh na planaichean - a chìthear san dealbh seo - ris an sgìre

Tha daoine anns an sgìre air draghan a thogail mu shàbhailteachd air na rathaidean, mun àrainneachd agus mun bhuaidh air an talla-choimhearsnachd a tha mar-thà na goireas do luchd-turais.

Thuirt an Comh. John Grafton: "'S e pròiseact mòr a th' ann agus tha mi a' smaoineachadh gun atharraich e a' choimhearsnachd gu mòr - agus tha e a' dèanamh dragh dhomh gur ann a nì e cron.

"Chun seo, chan eil Black Sheep Management air gu leòr spèis a shealltainn dhan choimhearsnachd, agus tha tòrr dhaoine anns an sgìre dhen aon bheachd rium.

"Tha tòrr obrach a dhìth airson gnothaichean a chur ceart."

"Chun seo, chan eil Black Sheep Management air gu leòr spèis a shealltainn dhan choimhearsnachd, agus tha tòrr dhaoine anns an sgìre dhen aon bheachd rium.

"Tha tòrr obrach a dhìth airson gnothaichean a chur ceart."

Cha robh duine bhon chompanaidh fhèin deònach agallamh a dhèanamh le BBC Naidheachdan mun chuspair seo.

Rinn an neach a dhealbhaich na planaichean aca dìon air mar a chaidh am pròiseact a làimhseachadh ge-tà.

Thuirt Ailean Faringham nach fheumadh iad fon lagh co-chomhairleachadh a dhèanamh mus cuireadh iad iarrtas dealbhachaidh a-steach, agus gur e na h-aon draghan a thigeadh am bàrr co-dhiù nam biodh sin air tachairt.

"Ma tha dòighean ann as urrainn dhuinn draghan a' phobaill a shocrachadh, nì sinn ar dìcheall beachdachadh air sin," thuirt e.

Dùinidh a' cho-chomhairle phoblach mu na planaichean air a' 15mh den Dùbhlachd.