Mòd 2026 ga chur gu dol le rabhadh mu FtMG aig ìre àrd-sgoile

Tha dùil gum bi mu 2000 neach a' farpais am-bliadhna
- Air fhoillseachadh
Tha am Mòd Nàiseanta Rìoghail a' tòiseachadh ann an Glaschu Dihaoine le rabhadh bho Cheann-Suidhe A' Chomuinn Ghàidhealaich gu bheil feum fhathast air "ceumannan mòra" gus foghlam Gàidhlig a leasachadh aig ìre na h-àrd-sgoile.
'S e seo an 13mh turas a tha am Mòd air a bhith air a chumail ann am Baile Mòr nan Gàidheal is a' chiad turas bho 2019.
Tha dùil gum bi timcheall air 10,000 neach an làthair sa bhaile air a shon, le timcheall air 2000 neach a' farpais tron t-seachdain.
Sin an àireamh as motha riamh de dh'fharpaisich.
"Tha sinn uabhasach toilichte le sin - agus tòrr chloinne," thuirt Magaidh Choineagan is i a' bruidhinn air Aithris na Maidne Dihaoine.
"Ach cuideachd anns na farpaisean mòra tha barrachd na 's àbhaist a bhith againn is mar sin tha sinn air ar dòigh glan.
"Feumaidh mi moladh mòr a dhèanamh air a' chomataidh ionadail."

Thog a' Bh-Ph Choineagan ceist ge-tà, mun àireimh de dheugairean a bhios a' farpais aig Mòd Ghlaschu.
Tha i a' dèanamh ceangail eadar sin is foghlam Gàidhlig san àrd-sgoil.
Tha ceistean air a bhith a' leantainn fad ùine mu Fhoghlam tro Mheadhan na Gàidhlig aig ìre àrd-sgoile is mu ghainnead de chothroman do chloinn a tha air tighinn a-mach à bun-sgoiltean is aonadan Gàidhlig.
Foghlam Gàidhlig san Àrd-sgoil "cugallach" a rèir aithisg ùir
- Air fhoillseachadh20 Am Màrt
"Tha mise a' smaoineachadh gur e a tha a' tachairt nach eil goireasan gu leòr is luchd-teagaisg gu leòr anns na sgoiltean Gàidhlig, anns na h-àrd sgoiltean a tha a' cumail orra an dèidh na bun-sgoile, ann an bhith a' tabhann na Gàidhlig," thuirt a' Bh-Ph Choineagan.
"Chan ann a-mhàin mar chuspair ach mar chànan teagaisg.
"Tha mise a' smaoineachadh, ged a tha e mìorbhaileach gu bheil sinn air an ìre seo a ruighinn - gu bheil ceumannan mòra romhainn fhathast airson dèanamh cinnteach gu bheil a' chlann a tha a' gabhail Gàidhlig a' cumail ris nuair a thig iad gu ìre."

Thèid iomadach duais a thoirt seachad airson diofar fharpaisean
Thèid Neach-ionnsachaidh na Bliadhna a thoirt seachad feasgar Dihaoine is am Mòd a' faighinn gu dol, agus thèid Tosgaire na Bliadhna ainmeachadh le Màiri NicAilein, Rùnaire an Fhoghlaim, a' Chultair is na Gàidhlig.
Aig a' cheart àm, tha Riaghaltas na h-Alba air dearbhadh gun tug iad seachad còrr air £1m do cheithir ùghdarrasan ionadail a bheir taic dhaibh dhan phròiseas Sgìrean Cànain Sònraichte a stèidheachadh mar phàirt de dh'Achd nan Cànanan Albannach.
Fhuair Comhairle nan Eilean Siar £315,000 agus iad ag amas air gum bi plana leasachaidh aig naoi "àrainnean" taobh a-staigh na Sgìre Cànain Sònraichte a tha iad a' moladh dha na h-eileanan air fad.
Fhuair Comhairle na Gàidhealtachd £256,407 agus tha Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid a' faighinn £350,000.
Tha £96,936 a' dol gu Comhairle Baile Dhùn Èideann agus tha dùil gun teid am maoineachadh a fhuair Comhairle Baile Ghlaschu ainmeachadh a dh'aithghearr.

Chaidh Carrie NicNèill tro Fhoghlam Gàidhlig ann an Glaschu
'S i Màiri NicAilein a bhios a' fosgladh a' Mhòid gu foirmeil aig cuirm mhòr ann an Talla-consairt Rìoghail a' bhaile air an oidhche, far an tèid a' mhòr-chuid de na farpaisean a chumail.
Bidh a' chuirm, Ar Cànan 's Ar Ceòl, a' comharrachadh 40 bliadhna de dh'fhoghlam Gàidhlig sa bhaile.
'S e oidhche de cheòl is òrain a bhios ann, le fiolm sònraichte ga shealltainn.
Thèid a' chuirm a lìbhrigeadh leis na co-oghaichean Phil MacHugh agus Carrie NicNèill, a chaidh le chèile tro fhoghlam Gàidhlig an Glaschu.
Urram Camanachd a' Mhòid air iomanaiche Uibhisteach Ghlaschu
- Air fhoillseachadhBho chionn 1 uair
'S e deireadh-seachdain làn spòrs a bhios ann le Iomain agus Ball-coise a' Mhòid gan cumail aig Cinn Chluaidh Disathairne.
Thèid am ball-coise a chur gu dol aig 09:30m le Fèis na h-Òigridh 's bidh sgioba Alba FA a' trèanadh feasgar, air thoiseach air Cuach Cuimhneachan Iain MhicCoinnich feasgar na Sàbaid agus iad gu bhith a' cluich an aghaidh Partick Thistle Fo 19.
B' ann à Tiriodh a bha Iain - Am Firhill Flyer - agus chluich e do sgioba nàiseanta na h-Alba.
Tòisichidh an iomain le farpais òigridh aig 10m Disathairne agus bidh geama nam bàn ann aig meadhan là eadar Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheal agus Oilthigh Ghlaschu.
Bidh fir Ghlaschu Meadhan Earra-Ghàidheal agus Obar Dobhair an uairsin a' farpais aig 2f.

Bidh ceòl gu leòr ann cuideachd.
A thuilleadh air na farpaisean ciùil a bhios ann tron là, bidh teaghlach MhicCarmaig air an àrd-ùrlar oidhche Shathairne agus Cèilidh le na Cormacks gu bhith san Talla-consairt Rìoghail.
Bidh tuilleadh ciùil ri chluinntinn sa bhaile Là na Sàbaid, le Seirbheis Eaglais a' Mhòid ga cumail ann an Cathair-eaglais Naomh Anndra.
Thèid sin a chraoladh beò air BBC Radio nan Gàidheal.
Agus bidh duine sam bith a tha a' feitheamh ri trèana an oidhche sin ann an Stèisean-rèile meadhan Ghlaschu air an cumail a' dol agus an còmhlan Glòraich gu bhith a' cluich ciùil shoisgeulaich san stèisean, còmhla ri còisir mheasgaichte.
Gheibh na farpaisean gu dol ceart an ath-sheachdain le Mòd na Cloinne an toiseach.