Naidheachdan 11:00m
Hollburn & St Pancras
Thuirt Zack Polanski gum fuirich e na cheannard air Pàrtaidh Uaine Shasainn agus na Cuimrigh an dèidh fo-thaghadh Holborn agus St Pancras a chall ris an tagraiche Làbarach, Sagal Abdi-Wali, a fhuair mòr-chuid de chòrr is 3,000 san roinn a bha aig Sir Keir Starmer. Fhuair Mr Polanski na h-uimhir de chàineadh bho chionn ghoirid airson 's nach do ghabh e pàirt ann am bhòt aig co-labhairt a' Phàrtaidh Uaine a thuirt gur e gràin-chinnidh a th' ann an Sionachas.
An Ucràin
Bidh buidheann às an Ucràin a' coinneachadh ri tosgairean a' Chinn-suidhe Trump ann am Miami an-diugh. Bidh iad a' deasbad moladh ùr airson stad a chur air a' chogadh san Ucràin. Chaidh fireannach, 50 bliadhna a dh'aois, a mharbhadh ann an ionnsaighean Ruiseanach air baile Zaporizhzhia sa Ucràin tràth sa mhadainn an-diugh agus tha nighean, 14 bliadhne a dh'aois, am measg naoinear a chaidh a ghoirteachadh.
An Glen Sannox
Tha Rùnaire na Còmhdhail, Stephen Flynn, a' faighinn a chàinidh an dèidh dha tighinn am follais gun deach fiosrachadh a chur thuige mu aoidion gas air a' bhàta-aiseig, Glen Sannox, mus do dh'innis e do Chomataidh na Còmhdhail air a' mhìos a chaidh nach b' aithne dha dad mun chùis. Thuirt Còmhdhail Alba gun deach am fiosrachadh a chur gu oifis Mhgr Flynn goirid mus do nochd e aig a' chomataidh.
Tubaist air an A9
Tha rathad an A9 air Taobh Sear Rois dùinte air an t-slighe gu deas an dèidh tubaist goirid an dèidh 08:00m. Tha an rathad dùinte faisg air ceann-rathaid Chùil Bhàicidh agus chaidh iarraidh air draibhearan an sgìre sin a sheachnadh.
Am Mòd Nàiseanta Rìoghail
Fosglaidh am Mòd Nàiseanta Rìoghail ann an Glaschu a-nochd aig cuirm ann an Talla Consairt a' bhaile. Tha an fhèis a' tilleadh chun a' bhaile airson an 13mh turas an dèidh a bhith ann mu dheireadh ann an 2019. Tha dùil gun tarraing am Mòd mu 10,000 duine, eadar farpaisich agus luchd-tadhail, thairis air an ath dheich là.
Duais Nobel
Chaidh duais sithe Nobel a thoirt do Navi Pillay, britheamh à Afraga a Deas a bha na comiseanair chòraichean daonna aig an UN. Thuirt Comataidh Nobel gun deach feadhainn de na cùisean cùirte eadar-nàiseanta as cudromaiche sa ghinealach seo air adhart fo stiùir Ms Pillay.