Fhuair CnES £315,000 bho mhaoin Sgìrean Cànain Sònraichte

- Air fhoillseachadh
Dhearbh Comhairle nan Eilean Siar gun d' fhuair iad £315,000 bho Riaghaltas na h-Alba airson an cuideachadh leis a' phròiseas oifigeil Sgìrean Cànain Sònraichte (SCS) a stèidheachadh.
Tha dleasdanas air ùghdarrasan ionadail an Alba fo Achd nan Cànanan Albannach 2025 SCS a chomharrachadh far an tèid a' Ghàidhlig a chur air adhart.
Tha Comhairle nan Eilean Siar a' moladh gum faigh an sgìre gu lèir an inbhe seo leis gu bheil còrr is 20% den t-sluagh anns gach sgìre le sgilean Gàidhlig.
Ge-tà, tha moladh gum bi sgìre Comhairle na Gàidhealtachd air fad air a chomharrachadh mar SCS "maslach" a rèir luchd-iomairt cànain.
Ann an Earra-Ghàidheal is Bòd thathar a' moladh SCS a stèidheachadh far a bheil co-dhiù 20% den t-sluagh le sgilean sa Ghàidhlig no far a bheil FtMG air a thabhann.
Sgìre Cànain Shònraichte don Ghàidhealtachd air fad "maslach"
- Air fhoillseachadh29 An Cèitean
Sgìrean Cànain Sònraichte an Earra-Ghàidheal gam moladh far a bheil a' Ghàidhlig as làidire
- Air fhoillseachadh22 An Lùnastal
Air a thuras a dh'Uibhist as t-samhradh, dh'ainmich am Prìomh Mhinistear, Iain Swinney, stòras £1.5m do chomhairlean airson an dleasdanas reachdail ùr a th' orra a choileanadh.
Bha Comhairle nan Eilean Siar air iarrtas airson £350k a chur a-steach, agus chuala Comataidh na Gàidhlig Diluain gun d' fhuair iad £315k.
Bhòt comhairlichean airson Oifigear Leasachaidh Gàidhlig fhastadh leis an airgead ùr, agus airson plana Gàidhlig a dhèanamh ann an seachd sgìrean - neo 'àrainnean'.
Tha planaichean mar-tha aig dà sgìre - Àrainn Uibhist is Àrainn Iar Thuath Leòdhais - mar phàirt de phròiseact pìleat air a mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig thairis air an dà bhliadhna a dh'fhalbh.