Bòrd na Gàidhlig 'son smachd a chumail air oifigearan leasachaidh

Màiri NicAonghais
  • Air fhoillseachadh

Tha cathraiche Bhòrd na Gàidhlig ag ràdh gun do mhol iad do Riaghaltas na h-Alba cur an aghaidh atharrachadh ann am Bile nan Cànanan gum biodh oifigear-leasachaidh anns gach sgìre cànain - a chionn 's gun robh iad ag iarraidh gum biodh smachd aca fhèin air na h-oifigearan seach aig ùghdarrasan ionadail.

Thuirt Màiri NicAonghais cuideachd gun dèan am bile feum agus gur e "adhartas" a th' ann gur e Riaghaltas na h-Alba a nì ro-innleachd ùr nàiseanta airson na Gàidhlig seach am Bòrd fhein.

Chuir buill na Pàrlamaid Albannaich taic ris a' bhile aig an ìre mu dheireadh Dimàirt is iad a' bhòtadh 112-0 air a shon.

A dh'aindeoin is gun robh taic thar-phàrtaidh ann airson a' bhile, chaidh dragh a thogail tron deasbad aig Holyrood nach eil e a' dol fada gu leòr airson dèiligeadh ris na dùbhlain a tha mu choinneimh na Gàidhlig.

Thuirt Màiri NicAonghais gur e togail mòr a bh' ann gun robh taic gu h-aona ghuthach ann is gun do chuir buill "taic is luach" air cho cudromach 's a tha obair aig ìre na coimhearsnachd.

Fon bhile bidh uallach air Riaghaltas na h-Alba Ro-innleachd Nàiseanta 'son na Gàidhlig ullachadh, is thèid sin an àite a' phlana nàiseanta aig Bòrd na Gàidhlig.

"'S e adhartas a tha sin", thuirt a' Bh Ph NicAonghais.

"'S ann leis an Riaghaltas a bha am plana co-dhiù, ged a bha Bòrd na Gàidhlig ga dhèanamh.

"Tha mi a' smaointinn gun toir e barrachd tuigse dhan Riaghaltas air dè tha dhìth is dè tha a' tachairt aig gach ìre.

"Tha an uairsin Bòrd na Gàidhlig sa mheadhan a' dol a bhith a' cumail sùil is a' tomhas is a' cunntais ciamar a tha sin a' dol air adhart".

Fo-thiotal,

Màiri NicAonghais a' bruidhinn ri Dòmhnall Moireasdan air Aithris na Maidne

Bha briseadh-dùil ann do chuid nach deach gabhail ri atharrachaidhean sa bhile a bhiodh air fàgail gun robh oifigear-leasachaidh is plana cànain coimhearsnachd ann airson gach sgìre cànain a bhios ann.

Thuirt an Leas-Phrìomh Mhinistear gu bheil lìonra de dh'oifigearan leasachaidh ann mar-thà is gun deach seo a neartachadh bho chionn ghoirid.

A' bruidhinn air Aithris na Maidne Diciadain ge-tà, thuirt Màiri NicAonghais gun robh Bòrd na Gàidhlig air moladh dhan Riaghaltas cur an aghaidh an atharrachaidh air oifigearan-leasachaidh - oir tha iad fhèin ag iarraidh smachd a chumail air oifigearan.

"Cha bhiodh smachd aig Bòrd na Gàidhlig orra is cha bhiodh smachd aig an Riaghaltas orra - 's ann aig na h-ùghdarrasan ionadail fhèin a bhiodh smachd orra.

"Tha mi a' smaointinn gu bheil Bòrd na Gàidhlig uabhasach cudromach a thaobh an obair a tha sinn a' dèanamh leis na coimhearsnachdan.

"An-dràsta tha sinn ag obair còmhla riutha, a' biathadh a-staigh dha na feumalachdan acasan, agus a' cur an airgid agus nan oifigearan mu choinneimh na h-obrach a tha ri dhèanamh anns gach sgìre".

Thuirt i cuideachd gum bi feum air barrachd airgid gus suidheachadh na Gàidhlig a leasachadh.

Chaidh athchuinge air a' chuspair sin air beulaibh Comataidh nan Athchuingean aig Holyrood Diciadain fhèin.

Tha athchuinge Misneachd, taobh a-muigh ag iarraidh gun tèid buidseat a' Bhùird àrdachadh gu co-dhiù £8.5m is gun tèid e suas gach bliadhna a rèir na h-atmhorachd.

Thuirt Màiri NicAonghais gun cuireadh i taic ri "rud sam bith a tha a' dol a neartachadh Bhòrd na Gàidhlig agus nan coimhearsnachdan".

Bòrd na GàidhligTùs an deilbh, Bòrd na Gàidhlig

Chuir a' Bh Ph NicAonghais dìon air a' Bhòrd cuideachd às dèidh dhan Oll Dòmhnall Meek ceistean a thogail mu cho èifeachdach 's a bha obair na buidhne thar nam bliadhnaichean.

Bha an t-Oll Meek na chathraiche air MAGOG, a' bhuidheann chomhairleachaidh a dhealbhaich bile Gàidhlig anns a' chiad dol a-mach is a thug Bòrd na Gàidhlig gu bith.

A' bruidhinn ri BBC Naidheachdan, thuirt e nach do thog Bòrd na Gàidhlig inbhe a' chànain mar bu chòir is nach eil a' bhuidheann air bruidhinn às leth nan Gàidheal mar a bha e a' miannachadh bho thùs.

'S e briseadh-dùil a bh' ann, thuirt e, gun robh Bòrd na Gàidhlig "a' toirt an Riaghaltais agus riaghailtean an Riaghaltais gu na Gàidheil", seach an rathad eile.

Ach thuirt a' Bh Ph NicAonghais gu bheil am Bòrd dìreach a' coileanadh nan dleastanasan a chaidh orra bho thùs.

"Tha Bòrd na Gàidhlig mar a chaidh a stèidheachadh leis an achd.

"'S e buidheann dhan Riaghaltas a th' ann is tha e air sgrìobhadh sìos gu math soilleir dè na dreuchdan a th' aig Bòrd na Gàidhlig ri coileanadh agus tha sinn a' dèanamh cho math 's as urrainn dhuinn leis an obair sin a dhèanamh.

"Tha feum air iomairtean is tha feum air a bhith a' putadh fad na h-ùine, ach chan e an t-àite a th' aig Bòrd na Gàidhlig a bhith a' dèanamh a' phutaidh a tha sin.

"Tha e air sgrìobhadh san achd is sinn a' tha sinn a' cumail ris".