Ceumannan cànain singilte a' stad aig Oilthigh Obar Dheathain

- Air fhoillseachadh
Thuirt Oilthigh Obar Dheathain gun cùm iad orra a' tabhainn cheumannan urramach dùbailte ann an cànanan.
Stadaidh ceamannan singilte ge-tà
Choinnich buidheann riaghlaidh an oilthigh Dimàirt a bhruidhinn air cùrsaichean cànain.
Cho-dhùin àrd-mhanaidsearan leudachadh mìos a chur ris a' cho-chomhairleachadh cuideachd.
Bidh seo a' ciallachadh gum faigh oileanaich air ceum a dhèanamh fhathast ann an Gàidhlig, Frangais, Spàinntis agus Gearmailtis còmhla ri cuspair eile.
'S e dìth iarrtais a th' air cùl a' cho-dhùnaidh, thuirt iad.
Chaidh an co-chomhairleachadh a leudachadh airson tuilleadh chòmhraidhean a chumail air mar a ghabhas oileanaich a thàladh is oideachadh a dhèanamh nas èifeachdaiche.
Tha cuideam mòr air a bhith air an oilthigh bho dh'innis iad gum biodh ath-sgrùdadh ann le roghainn gun deadh cur às de cheumannan cànain buileach, agus chùm oileanaich is luchd-obrach railidh Oidhche Luain gus fianais a thogail.