Tagradh 'son ceumannan aig "cridhe cultar is fèin-aithne na h-Alba" a ghlèidheadh

An t-Ollamh Dòmhnall Meek na shuidhe air sofa le leabhraichean air a chùl. Tha a ghruag glas is tha speuclairean air. Tha lèine striopach air is geansaidh glas.
  • Air fhoillseachadh

Sgrìobh an t-Ollamh Dòmhnall Meek gu Oilthigh Dhùn Èideann a shireadh gealltanas gun tèid ceumannan singilte ann an Ceiltis is Eitn-eòlas na h-Alba a ghlèidheadh is e ag ràdh gu bheil iad aig "cridhe cultar is fèin-aithne na h-Alba".

Thuirt an t-Oll Meek gu bheil planaichean gus ceumannan a chur còmhla mar-tha air cron a dhèanamh air cliù an oilthigh is air ceistean a thogail mun taic a th' aca do dh'eòlas na h-Alba.

Tha e ag ràdh gum faodadh an t-oilthigh toiseachadh gluasad a dh'ionnsaigh sin a chur ceart - agus gum faodadh ceannardan earbsa a chosnadh às ùr - le gealltanas a thoirt seachad gun tèid na ceumannan singilte a chumail.

Tha connspaid air a bhith ann anns na mìosan mu dheireadh às dèidh do mholaidhean tighinn am bàrr gus 90 cùrsa-ceum ann an Colaiste nan Ealan, nan Daonnachdan agus nan Saidheansan Sòisealta aig Oilthigh Dhùn Èideann a ghearradh.

Tha Oilthigh Dhùn Èideann ag ràdh gu bheil iad a' toirt ùrachaidh air a' phrògram aca le a bhith a' dùnadh cuid de phrògraman nach robh oileanaich sam bith no glè bheag dhiubh a' dèanamh.

Thuirt iad gu bheil iad den bheachd gu bheil iad mar sin a' neartachadh na tha iad a' tabhainn.

Chan ann mar sin a tha an t-Oll Meek ga fhaicinn.

Às dèidh do shreath de dh'acadaimigich is luchd-rannsachaidh draghan a thogail mun t-suidheachadh ann an litir fhosgailte, tha e fhèin air an litir aige fhèin a chur gu Prionnsabal Oilthigh Dhùn Èideann, Sir Peter Mathieson, is air na meadhanan-sòisealta.

Bha Dòmhnall Meek na ollamh air Eòlas na h-Alba is na Gàidhlig aig Oilthigh Dhùn Èideann eadar 2002 is 2008.

San litir aige tha e a' mìneachadh gun robh ceanglaichean eile aige leis an oilthigh a' dol air ais gu 1979 nuair a thòisich e mar òraidiche ann an Ceiltis.

Thuirt an t-Oll Meek gun robh tuigse thairis air na bliadhnaichean nach robh an roinn a' tarraing àireamhan cho mòr ri roinnean eile, ach gun robh obair chudromach a' dol air adhart a thaobh daoine oideachadh ann an Ceiltis.

Thuirt e gun do ràinig cuid a rinn ceumannan àrd-ìre iad fhèin ann an roinnean Ceiltis, is mòran eile a' dol an sàs ann an gnothaichean mar theagasg is craoladh.

Thog e air nuair a ghluais e gu Oilthigh Obar Dheathain is mar a chaidh rudan a dh'ionnsaich e aig Oilthigh Dhùn Èideann a chleachdadh gus Roinn na Ceiltis san Ear-Thuath a neartachadh.

A thaobh ceum singilite ann an Eitn-eòlas na h-Alba, a thòisich anns na 1980an, tha an t-Oll Meek ag ràdh gun do do chuir an ceum fòcas às ùr air obair Sgoil Eòlas na h-Alba, is gun do thog e cliù Dhùn Èideann mar a' phrìomh àite ann an Alba a thaobh stuthan beul-aithris ann an Gàidhlig is Albais.

Oileanaich air an sgeadachadh mar chro is cearcan. Tha soidhnichean is brataichean aca a' cur an aghaidh phlanaichean an oilthigh
Fo-thiotal an deilbh,

Tha oileanaich a' fàgail air an oilthigh gu bheilear a' dèiligeadh leotha mar gum biodh gur e "cash cows" a th' annta

Ged a tha Oilthigh Dhùn Èideann an dùil Ceiltis agus Eitn-eòlas na h-Alba a chumail ann an riochd eile, thuirt an t-Oll Meek nach e idir an aon rud a bhiodh ann ris na ceumannan singilte, is thog e dragh mu dè thachradh nan tuiteadh àireamhan fhathast.

"Tha an t-eagal orm gun rachadh na ceumannan dùbailte a tharraing cuideachd, is gum biodh beàrn fìor mhòr, nach gabhadh lìonadh, a thaobh obair ann an eòlas na h-Alba aig Oilthigh Dhùn Èideann, le droch bhuaidh air cliù an oilthigh, àireamhan oileanach agus airson nan cuspairean fhèin."

Tha an t-Oll Meek ag ràdh nach bu chòir measadh a dhèanamh idir air luach Ceiltis agus Eitn-eòlas na h-Alba stèidhichte air àireamhan oileanach no airgead a tha iad a' toirt a-steach.

Bha tuigse ann roimhe, thuirt e, nach robh measadh mar sin iomchaidh.

"Bha iad airidh air àrd-urram oir bha taic is spèis ann dhaibh mar ghnothaichean aig cridhe cultar is fèin-aithne na h-Alba.

"Chaidh an cruthachadh is an glèidheadh leis an dà chuid taic a' phobaill agus cho cudromach 's a bha iad a thaobh sgoilearachd, agus le sàr-obair bho bhuidhinn bhig de dh'eòlaichean, a rinn strì aig amannan an aghaidh mì-thuigse is fiù 's droch-rùn taobh a-staigh an oilthigh.

"Tha mi mar sin a' dèanamh tagradh dhut fhèin agus dha ceannardan eile gus ceumannan singilte ann an Ceiltis is Eitn-eòlas na h-Alba a ghlèidheadh mar bu chòir aig Oilthigh Dhùn Èideann - agus aig cridhe ìomhaigh na h-Alba.

Buidheann de dh'oileanaich taobh a-muigh Oilthigh Dhùn Èideann le soidhnichean is brataichean a' cur an aghaidh nan gearraidhean a tha san amharc aig an oilthigh.
Fo-thiotal an deilbh,

Tha oileanaich ann an Dùn Èideann air a bhith ag iomairt an aghaidh nan atharrachaidhean

Dh'iarr BBC Naidheachdan beachd bho Oilthigh Dhùn Èideann air na puingean a thog an t-Oll Meek.

Ann am brath, thuirt An t-Oll Sir Peter Mathieson "nach b' urrainn do bheachd sam bith gu bheil Oilthigh Dhùn Èideann a' cur cùl ri gnothaichean Albannach a bhith nas fhaide bhon fhìrinn".

"Tha an t-àite againn ann a bhith a' teagasg eachdraidh na h-Alba agus suidheachadh na dùthcha san là an-diugh na phàirt chudromach den t-sealladh a th' againn.

"Leis na h-atharrachaidhean a tha sinn a' dèanamh thairis air na prògraman againn tha sinn airson barrachd sùbailteachd a thoirt do dh'oileanaich agus brosnachadh a thoirt dhaibh a bhith a' dol an sàs ann an cuspairean air nach biodh iad 's dòcha air smaoineachadh.

"Mar thoradh air sin bidh cothrom aig barrachd oileanach is chan e nas lugha ionnsachadh mu eachdraidh bheartach, litreachas, cultaran is cànanan na h-Alba - a' Ghàidhlig nam measg - mar phàirt de na ceumannan aca."

Thuirt an t-Oll Alex Thomson, ceannard Sgoil nan Litreachasan, Cànanan is Cultaran aig Oilthigh Dhùn Èideann, nach tig atharrachadh air àite an oilthigh mar fhear de na h-àitichean as fheàrr san Rìoghachd Aonaichte a thaobh teagasg chànanan is Ceiltis is Eòlas na h-Alba.