Comhairlichean a' cur an aghaidh tuath-gaoithe san Eilean Sgitheanach

Bhiodh an leasachadh comasach air còrr is 200MW de dhealan a chruthachadh
- Air fhoillseachadh
Bhòt comhairlichean air a' Ghàidhealtachd an aghaidh plana airson tuath-gaoithe le 33 chrainn a thogail san Eilean Sgitheanach, ach 's ann aig Riaghaltas na h-Alba a tha an co-dhùnadh mu dheireadh.
Tha a' chompanaidh Muirhall Energy airson na crainn a thogail ann an Gleann Uilfhinis, air taobh siar an eilein, fon ainm Gleann Uilfhinis 2, a bhiodh comasach air còrr is 200MW de dhealan a chruthachadh.
Ach chuir comhairlichean madainn Diciadain na aghaidh, a rèir mholaidhean oifigearan na comhairle, ri linn dragh mun bhuaidh a bheireadh e air seallaidhean an àite, air talamh mòintich agus air an àrainneachd.
'S ann an urra ri Aonad nan Ceadan Cumhachd aig Riaghaltas na h-Alba ge-tà, a tha e cead a thoirt air a' cheann thall do phròiseactan a chruthaicheadh barrachd air 50MW.
Chaidh cead a thoirt don chompanaidh Kilmac ann an 2015 airson 14 a thogail anns a' ghleann, ach cha deach am pròiseact air adhart.
Tha Muirhall Energy a-niste air am pròiseact a ghabhail thairis, agus iad airson 33 chrainn a bhiodh còrr air 200m de dh'àirde a thogail.
Sin an dèidh dhaibh an toiseach a bhith a' cur air adhart plana airson 47 crainn a thogail ann an 2023, 's iad a-niste air sin a ghearradh air ais an dèidh dhaibh beachdan fhaighinn bhon choimhearsnachd.