Dh'iarr ceannard Loganair gum faigh luchd-gnothaich faraidhean nas saoire ADS uair eile

Plèana geal agus dearg a' sgèith le Loganair sgrìobhte air a chliathaich an litrichean dearga. Tha tartan gorm is dearg air a h-earball Tùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Luke Farajallah ag ràdh gu bheil faraidhean ADS "gu tur riatanach" do mhuinntir nan eilean

  • Air fhoillseachadh

Tha Loganair ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba siubhal airson gnìomhachas a thilleadh gu sgeama lasachaidh nam faraidhean adhair (ADS) a chùm maith eaconamaidh nan eilean.

Dh'innis àrd-oifigear na companaidh-adhair, Luke Farajallah, do choinneimh fòram còmhdhail Shealtainn an t-seachdain seo gu bheil ADS "gu tur riatanach" do choimhearsnachdan eileanach.

Thòisich an sgeama a tha a' lùghdachadh fharaidhean adhair cha mhòr 50% do mhuinntir nan Eilean Siar, Cholbhasa, Arcaibh, Sealtainn, Ìle, Diùra, Gallaibh is Iar Thuath Chataibh ann an 2006.

Chaidh faraidhean nas saoire do ghnothachas a thoirt às bho 2011.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba an-uiridh nach robh airgead gu leòr ann leudachadh a thoirt air ADS.

Chan eil cus misneachd aig Cathraiche Comataidh na Còmhdhail aig Comhairle nan Eilean Siar gun atharraich ministearan am beachd agus an sgeama fhosgladh do ghnothachasan uair eile.

A' bruidhinn air Aithris na Maidne Diciadain, thuirt Ùisdean Robasdan: "Tha mi air iomadach còmhradh a dhèanamh le Còmhdhail na h-Alba timcheall air an seo thairis air na bliadhnaichean.

"Bha e gu math soilleir dhomh nach robh iad deònach seo a thoirt air ais.

"Feumaidh sinn cumail oirnn a' dèanamh argamaid oir dhèanadh e feum mòr dhan eaconomaidh againn."

Tha dùil gun cosg an sgeama taice mar a tha e timcheall air £15m sa bhliadhna-ionmhais seo.

Tha an riaghaltas air an sgeama a dhearbhadh gu deireadh a' Mhàirt 2027, agus tha ministearan Albannach a' beachdachadh air mar a ghabhas ath-sgrùdadh a dhèanamh air.

Dh'iarr sinn beachd air Còmhdhail Alba air an iarrtas as ùire aig Mgr Farajallah.

Aig a' cheart àm, tha Luke Farajallah cuideachd ag iarraidh air na puirt-adhair na cosgaisean aca a lùghdachadh.

Thuirt e ri buill an fhòraim nach robh e a' dèanamh ciall nan robh iadsan a' tabhann fharaidhean nas reusanta agus nan robh cosgaisean nam port-adhair dhaibh a' sìor èirigh.

Dh'fhoillsich a' chompanaidh bho chionn ghoirid gun tigeadh ìsleachadh air cuid de na faraidhean às na h-eileanan a tha iad a' frithealadh.

Thuirt e nan robh barrachd dhaoine a' gabhail a' phlèana gum biodh barrachd dhaoine sna puirt-adhair agus gum biodh teachd a-steach a bharrachd dhaibh dha rèir.