Naidheachdan 11:00m

Fo-thiotal,

Naidheachdan 11:00m

  • Air fhoillseachadh

Prìsean cumhachd

Tha luchd-iomairt ag ràdh gum bi seann daoine gu h-àraid a' fulang le fuachd anns an dachaigh air a' gheamhradh seo, agus le fiachan le prìsean cumhachd. Bidh cosgaisean gas agus dealain a' dol suas 26% airson trì mìosan bhon chiad là den Bhliadhn' Ùir leis an àrdachadh sa chuibhreachadh a dh'ainmich an riaghladair Ofgem an-diugh. Tha Ofgem ag ràdh gur e cogadh Iran as motha a tha a' cur ris an àrdachadh.

Deuchainnean niuclasach

Rinn luchd-iomairt toileachas ri dearbhadh bhon Phrìomhaire gum bi rannsachadh ann mu bhuaidh dheuchainnean niùclasach anns na 50an agus na 60an air seann bhuill nam feachdan armaichte agus an teaghlaichean. Thuirt Andy Burnham gum faigh panail neo-eisimileach, den t-seòrsa a bh' ann airson tubaist Hillsborough, gu fìrinn na thachair. Tha Ministearachd an Dìon air a bhith a' dol às àicheadh bho chionn fhada gun robh iad a' cleith buaidh rèididheachd air feadhainn a bha a' dèanamh nan deuchainnean.

Sgoil an Tairbeirt

Thuirt Àrd-Oifigear an Fhoghlaim aig Comhairle nan Eilean Siar, Dòmhnall MacLeòid, gur aithne dha gu bheil dragh air pàrantan mu thrioblaidean aig Sgoil Sir E. Scott air an Tairbeart ach gu bheil iad ag obair airson adhartas a dhèanamh. Fhuair sgrùdadh air an sgoil san Ògmhios an-uiridh na h-uimhir de laigsean, an leithid ceannas, foghlam Gàidhlig agus taic do sgoilearan aig a bheil feumalachdan a bharrachd. Cho-dhùin sgrùdadh eile on uair sin nach tàinig piseach gu leòr air cùisean agus dh'innis ceannard na sgoile an t-seachdain seo chaidh gu bheil e a' fàgail a dhreuchd.

Tuath-gaoithe an Gleann Uilfhinis

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' beachdachdh an-diugh air plana connspaideach airson tuath-gaoithe ann an Gleann Uilfhinis faisg air an t-Sruthan anns an Eilean Sgitheanach sam biodh 33 crannn, suas ri 200 meatair a dh'àirde. Mhol oifigich na comhairle an aghaidh an leasachaidh ri linn dragh mu bhuaidh air an àrainneachd agus air seallaidhean san eilean.