Buinn an t-Seann Nòis a' dol a Leòdhas

  • Air fhoillseachadh
Isabelle Bain
Fo-thiotal an deilbh,

Isabelle Bain a ghlèidh duais nam ban

'S iad dithis Leòdhasaich a tha a-nis a' fuireach ann an Glaschu a choisinn buinn an t-Seann Nòis aig Mòd Nàiseanta Rìoghail Ghlaschu 2019.

Ghlèidh Isabelle Bain, à Griais, duais nam ban.

Tha Isabelle an-dràsta a' toirt a-mach iar-cheum ann an lagh aig Oilthigh Ghlaschu.

Sheinn i "'S ann trom, trom tha mo smuaintean," agus "Bruadar an Leòdhasaich an Uinnipeig" sa chuairt dheireannaich.

B' e Crìsdean MacCoinnich, à Ùige Leòdhais, ach a tha a-nis a' fuireach agus ag obair ann an Glaschu a ghlèidh duais nam fear.

Crìsdean MacCoinnich
Fo-thiotal an deilbh,

Crìsdean MacCoinnich a ghlèidh duais nam fear

Tha còrr is fichead bliadhna bho sheinn Crìsdean mu dheireadh aig Mòd, ann an talla bhaile Steòrnabhaigh nuair a bha e 12 bliadhna de dh'aois.

Ghlèidh Isabelle agus Crìsdean 280 puing an urra eadar an dà chuairt den fharpais.