Ceist mu shanasachd slighe choiseachd san Eilean Sgitheanach

Luchd-coiseachd agus teanta ann an gaoith mhòir air mòintichTùs an deilbh, SGIOBA TEASAIRGINN BHEANNTAN AN EILEIN SGITHEANAICH
  • Air fhoillseachadh

Tha ceistean gan togail mu mar a tha slighe choiseachd ainmeil san Eilean Sgitheanach ga sanasachd.

Thog Sgioba Teasairginn nam Beann san eilean dragh an dèidh mar a thàinig orra cobhair a dhèanamh air 20 duine air Slighe an Eilein Sgitheanaich Dihaoine ri linn na droch shìde.

Tha an t-slighe a' ruith 79 mìle de dh'fhaid eadar Rubha Hùinis sa cheann a tuath agus an t-Àth Leathann aig deas.

'S e slighe dhoirbh a th' innte ge-tà, agus cha bu chòir a gabhail ach daoine aig a bheil eòlas air a bhith a' sreap 's a' coiseachd.

Tha sgioba teasairginn an eilein ag ràdh nach eil tuigse cheart aig daoine air dè tha romhpa, leis gun saoileadh tu bhon ainm gu bheil dha-rìribh slighe no staran ann do luchd-coiseachd airson a leantainn.

Chaidh an gairm a-mach thairis air 13 uair de thìde Dihaoine a dhèanamh cobhair air daoine a bh' ann an duilgheadasan.

Leantainneach

Dh'iarr ceannard na sgioba, Seumas Paddy Stephenson, gun dèan buidhnean a tha a' sanasachd na slighe ath-sgrùdadh air an fhiosrachadh a tha iad a' sgaoileadh mu deidhinn - gu h-àraidh feadhainn a tha ag amas air luchd-turais às an Ròinn Eòrpa.

"Bhiodh sin na chuideachadh gun teagamh sam bith," thuirt e.

"Tha sinn an dòchas gum brosnaich na chuir sinne air na meadhanan sòisealta againn an dèidh làimhe daoine a bhios a' sanasachd na slighe beachdachadh a-rithist air an fhiosrachadh a bheir iad seachad - gu h-àraid do dhaoine san Roinn Eòrpa.

"Saoilidh mi gu bheil fhios aig a' mhòr-chuid de dhaoine a chaidh a thogail ann an Alba gu bheil làithean ann nach bu chòir dhut a dhol a-mach, ach a rèir choltais chan eil an teachdaireachd sin a' faighinn troimhe dha luchd-tadhail às an Roinn Eòrpa."

Thuirt Mgr Stephenson, gur iad Eòrpaich a bh' anns a' mhòr-chuid de na daoine air an deach cobhair a dhèanamh Dihaoine.

"Chan e nach eil iad ullaichte no nach eil iad eòlach air coiseachd - 's e nach eil iad eòlach air coiseachd ann an Alba, agus gu h-àraidh san droch shìde ann an Alba," thuirt e.

"Tha e doirbh an teachdaireachd sin fhaighinn tarsainn thuca air dìreach cho garbh 's a dh'fhaodas e a bhith.

"Chan eil tuigse aca air cho fliuch 's gaothach 's a dh'fhaodas i a bhith 's cho leantainneach 's a dh'fhaodas sin a bhith."

Tuilleadh air an sgeulachd seo