Co-obrachadh "bunaiteach" airson dèiligeadh ri bochdainn air Ghàidhealtachd

Druim na Drochaid
  • Air fhoillseachadh

Tha e deatamach gun obraich buidhnean poblach còmhla is gun èist iad ris na daoine ma tha iad airson dèiligeadh ri bochdainn air a' Ghàidhealtachd, a rèir aithisg ùir.

Beachdaichidh Comhairle na Gàidhealtachd an t-seachdain seo air mar a ghabhas bochdainn a lùghdachadh san sgìre ro 2030.

Mar phàirt den phròiseas gus am buidseat aca airson 2025/26 a stèidheachadh, dh'aontaich an t-ùghdarras ionadail Coimisean Bochdainn agus Co-ionannachd na Gàidhealtachd a chur air dòigh.

Chaidh dusan coimiseanair neo-eisimeileach a thaghadh agus sa bhliadhna mu dheireadh tha iad air a bhith a' cluinntinn bho choimhearsnachdan agus feadhainn sna roinnean poblach agus prìobhaideach.

'S e an t-amas a bh' ann dealbh fhaighinn air bochdainn aig tuath agus mar bu chòir dèiligeadh ris ann an cabhag.

Thèid aithisg a' Choimisein, taobh a-muigh a-nise air beulaibh chomhairlichean Diardaoin.

Tha an aithisg ag ràdh gu bheil 7 às gach 10 de chloinn a th' ann am bochdainn san sgìre a' fuireach ann an dachannan sa bheil co-dhiù aon inbheach ag obair.

Tha diofar rudan a' toirt buaidh air sin, nam measg còmhdhail phoblach, agus cion chùraim-chloinne, a rèir na h-aithisg.

'S i Magaidh Choinneagan Co-chathraiche a' Choimisein.

"Tha cion bhusaichean ann, tha cion chùraim chloinne ann, agus tha e doirbh do dhaoine faighinn is tilleadh bho obair - gu sònraichte feadhainn a tha an sàs ann an rudan mar obair turasachd 's a leithid sin, agus do theaghlaichean nach urrainn ach aon chàr a bhith aca," thuirt i air Aithris na Maidne.

"'S e rud eile a tha gu math nas àirde, 's e cosgais connaidh air a' Ghàidhealtachd.

"Tha sin a' toirt buaidh mhòir air a h-uile duine, ach tha e gu sònraichte a' toirt buaidh mhòir air daoine a th' ann am bochdainn."

Thog an aithisg cuideachd air trioblaid leantainnich le taigheadas, agus mar nach eil tuigse aig daoine uaireannan air an t-seòrsa taic a tha ri fhaotainn 's mar a gheibhear e.

Tha a' Bh-Ph Choinneagan ag ràdh gu bheil feum gu sònraichte air barrachd tuigse air mar a tha bochdainn a' toirt buaidh air sgìrean iomallach.

"Tha coltas ann, tòrr den fhianais a thathas a' togail a thaobh bochdainn, nach eil e a' bualadh no nach eil e a' tuigsinn dha-rìribh dè a' bhuaidh a th' aige ann an àitichean iomallach agus cia mheud a th' ann am bochdainn ann an àitichean iomallach."

Am measg mholaidhean na h-aithisg tha gum feum na buidhnean poblach is buidhnean carthannais obrachadh nas fheàrr le chèile airson 's gun tuig daoine gu bheil taic ri fhaotainn.

Thuirt a' Bh-Ph Choinneagan gu bheil an co-obrachadh sin "bunaiteach" airson dèiligeadh ri bochdainn aig tuath, agus gun tèid èisteachd ris an t-sluagh fhèin a th' ann am bochdainn.

Às aonais sin, thuirt i, cha tig mòran de phiseach air cùisean.

Beachdaichidh comhairlichean air an aithisg Diardaoin.

Thèid iarraidh orra aontachadh gum bi bùth-obrach ann san Lùnastal eadar comhairlichean, àrd-oifigearan an ùghdarrais agus Co-chathraichean a' Choimisein.

Rachadh bruidhinn an sin air na fhuair an aithisg agus na fuasglaidhean a dh'fhaodadh a bhith ann.

Rachadh an uairsin aithisg eile a chur air beulaibh chomhairlichean le plana airson molaidhean a chur an gnìomh.