Nì buidheann ùr Comhairle na Gàidhealtachd sgrùdadh air bochdainn connaidh

Tha Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh gu bheil mòran san sgìre a tha a' fulang bochdainn connaidh
- Air fhoillseachadh
Thèid buidheann air am bi ochdnar chomhairlichean Gàidhealach a stèidheachadh airson coimhead air mar as urrainn don ùghdarras ionadail bochdainn connaidh a lùghdachadh san sgìre.
Tha cha mhòr an dàrna leth de na 110,743 dachaighean air a' Ghàidhealtachd a' fulang bochdainn connaidh an taca ri 24% gu nàisteanta a rèir na comhairle.
Thuirt iad gu bheil àrdachadh phrìsean an cois na còmhstri, taobh a-muigh san Ear Mheadhanach air cur ri na trioblaidean a bh' ann le cosgaisean bith-beò.
Thèid iarraidh air buill Comataidh nan Goireasan Corporra an ath-sheachdain buill na buidhne-obrach ùir a thaghadh.
Ann an Alba, thathar a' meas gu bheil cuideigin a' tighinn beò am bochdainn connaidh ma tha cosgaisean teasachaidh an taighe aca nas àirde na 10% de theachd a-steach na dachaigh, an dèidh toirt air falbh chìsean agus cosgaisean taigheadais.
Barrachd taice riaghaltais le cosgais ola teasachaidh
- Air fhoillseachadh17 Am Màrt
Faraidhean Loganair a' dol suas air sgàth àrdachadh ann am prìs connaidh
- Air fhoillseachadhBho chionn 2 latha
A rèir Comhairle na Gàidhealtachd, tha 33% de dhachaighean na sgìre a' fiosrachadh fìor bhochdainn connaidh an coimeas ri 12% gu nàiseanta.
Tha faisg air dà thrian de dhachaighean nach eil ceangailte ris a' ghriod ghas agus a' crochadh air dealan, a tha a thrì neo a cheithir uimhir nas daora na gas air a' ghriod, a rèir an ùghdarrais ionadail.
Sa Mhàrt, bha cuid ag iarraidh dìon na b' fheàrr do na mìltean dachaighean ann an sgìrean dùthchail na h-Alba a tha an eisimeil ola airson an taighean a chumail blàth agus cosgaisean a' dol an-àirde gu mòr.
Aig toiseach na mìos sin dh'fhàg an cogadh US-Israel le Ioran gun tàinig àrdachadh fìor mhòr air prìsean ola.
Tha timcheall air 142,000 dachaighean an Alba a' cleachdadh ola teasachaidh agus chaidh prìsean an-àirde bho 67.92sg gach liotair air an 28mh den Ghearran - an là a thug na Stàitean Aonaichte agus Israel ionnsaigh air Ioran - gu 147sg an liotair air an 8mh den Mhàrt.
Bha Urras Leasachaidh a' Chaoil Chataich am measg na bha a' sireadh taice a bharrachd do dhachaighean air an robh seo a' toirt buaidh.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh20 An Cèitean
