Naidheachdan 11:00m
Murrell
Chaidh binn prìosain de chòrr air còig bliadhna air seann Àrd-oifigear an SNP, Peter Murrell, aig cùirt ann an Dùn Èideann an-diugh. Bha e roimhe air aideachadh ri còrr air £450,000 a thoirt bhon phàrtaidh le foill. Dh'innis fear-lagha Murrell dhan chùirt gun robh an t-airgead ann airson a phàigheadh air ais, agus gun robh Mgr Murrell airson sin a dhèanamh. Thuirt am britheamh, am Morair Young, nach robh fhathast adhbhar follaiseach ann airson na h-eucoir a rinn e.
Prìomhaire
Tha am Prìomhaire air a bhith os cionn coinneamh dhen chaibineat airson a' chiad uair bho leig e dheth ceannas a' phàrtaidh Làbaraich. Tha feadhainn a tha a' cur taic ri Andy Burnham air a bhith a' feuchinn ri mìneachadh a dhèanamh air carson a bu chòir dhan bhall-pàrlamaid ùr airson Makerfield ceannas a' phàrtaidh fhaighinn - agus dreuchd a' Phrìomhaire. Tha dùil fhathast gur dòcha gu seas cuideigin eile airson na dreuchd na aghaidh, ge-tà.
Ioran
Thuirt tosgaire Ioran chun nan Dùthchannan Aonaichte gun deach adhartas math a dhèanamh ann an còmhraidhean sìth eadar Ioran agus na Stàitean Aonaichte, anns an Eilbheis. Thuirt e gum biodh buidhnean obrach air an stèidheachadh anns na làithean ri teachd airson còmhraidhean a dhèanamh air mar a b' urrrainn cuir às de smachd-bhannan an aghaidh Ioran - agus mu obair niùclasach na dùthcha.
An Fhraing
Tha oifigich anns an Fhraing ag ràdh gu bheil co-dhiù 40 duine air bàs fhaighinn anns an dùthaich le bàthadh, bho thòisich aimsir theth anns an dùthaich bho chionn beagan làithean. Bha an oidhche a raoir mar an oidhche a bu teotha a bha riamh air a chlàradh anns an dùthaich. Tha teas mòr air fàire ann an sgìrean den Rìoghachd Aonaichte cuideachd.
Bochdainn
Beachdachaidh comhairlichean Gàidhealach aig coinneamh Diardaoin air planaichean mu mar a lùghdaicheas iad bochdainn san sgìre ro 2030. A-rèir aithisg a rinn Coimisean Bochdainn na Gàidhealtachd, tha bochdainn ann an dachannan a tha ann an cosnadh a' sìor èirigh. Tha an sgrùdadh a' sealltainn gu bheil 70% de chloinn ann am bochdainn air a' Ghàidhealtachd ann an dachannan a tha ann an cosnadh. Tha bochdainn connaidh agus taighean air prìs reusanta cuideachd nan trioblaidean mòra.
Rocaid
Tha oileanaich à Oilthigh Leeds air taic dhaoine aig tuath iarraidh, agus iad a' sireadh rocaid leotha a chaidh a dhìth faisg air a' Pharbh. Bha iad an dòchas clàr Breatannach a bhriseadh le cho àrd sa dheadh an rocaid aca - ach chaill iad e air an t-slighe a-nuas chun na talmhainn. Tha dùil gun tàinig an rocaid, a tha dubh agus orains, a-nuas anns a' mhuir tuath air Diùranais, ach gur dòcha gum bi e air tighinn air tìr air a' chosta a tuath ann an Cataibh no Gallaibh.