"Bithibh furachail" agus cunnart mòr ann bho theintean fiadhaich an-dràsta

Smàladair agus teine a' gabhail tro chonnasg ri thaobhTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Chaidh iarraidh air daoine a bhith furachail sna seachdainnean a tha romhainn agus cunnart gu math mòr ann bho theintean fiadhaich.

Sgaoil Seirbheis Smàlaidh is Teasairginn na h-Alba agus Fòram Fiadh-bheatha na h-Alba rabhadh airson meadhan na Gàidhealtachd, ceann a deas agus taobh sear na h-Alba a mhaireas bho Dhiciadain gu Diluain an ath-sheachdain.

Tha dùil gun èirich i gu 28C Diciadain mun Ghearasdan agus dùil ri aimsir gu math tioram an còrr den t-seachdain gu h-àraid mu mheadhan agus taobh siar na dùthcha.

Tha teintean fiadhaich air a bhith a' gabhail ann am pàirtean eile den RA mar thà, agus uallach "air leth mòr" air smàladairean le cho fada 's a tha an aimsir theth air leantainn.

Làraidh-saillidh agus an draibhear na sheasamh ri a taobh
Fo-thiotal an deilbh,

Thuirt Alasdair Fisher, a bhios a' dràibheadh làraidh-saillidh gun robh daoine a' coimhead ris gu neònach fhad 's a bha e a' sgaoileadh gainmhich air an rathad

Chlàr Alba an treas suaile teas den bhliadhna, 's 25C ga chlàradh aig stèisean aimsire Ghlinn Seile airson an treas là sreath a chèile Dimàirt.

Ràinig i 31.2C ann an Threave, Dùn Phris is Gall-Ghàidhealaibh, deireadh an Ògmhios - an là as teotha fhathast am-bliadhna an Alba.

Dh'fhàs i cho teth 's gum b' fheudar làraidhean saillidh a chur a-mach a sgaoileadh gainmhich air uachdar nam prìomh rathaidean airson tilleadh a chur air teas 's an t-uachdar fhuarachadh.

Chaidh mòr-shuidheachaidhean a ghairm ann an Conwy an ceann a tuath na Cuimrigh agus Glossop ann an Derbyshire Didòmhnaich, le smàladairean fhathast a' dèiligeadh ri teintean an sin Dimàirt.

Thug teintean fiadhaich buaidh cuideachd air Hampshire, Durham, Sussex, Devon agus Somerset.

Thuirt comhairleach ro-innleachdail Seirbheis Smàlaidh is Teasairginn, Kevin Dingwall, gu bheil ceumannan sìmplidh a dh'fhaodas daoine a ghabhail airson stad a chur air teintean fiadhaich bho bhith a' tòiseachadh.

"Fiù 's ged nach biodh rabhadh an sàs san sgìre agaibh fhèin, dh'iarramaid air a h-uile duine a bhith furachail," thuirt e.

"Bidh teintean fiadhaich a' sgrios dhachannan, cruthan-tìre agus fiadh-bheatha. Sin a tha ga fhàgail cho cudromach gum bi daoine gu h-àraid faiceallach san aimsir seo.

"Seachnaibh a bhith a' cur teine no bbq gu dol air a' bhlàr a-muigh sna sgìrean a tha fo rabhadh, agus cuimhnichibh nach fheumar ach aon shradag bheag airson milleadh mòr a dhèanamh. Chan eil a leithid ann ri teine neo-chunnartach.

"'S urrainn dhuibh cuideachadh le bhith ag innse do chàirdean, caraidean agus luchd-tadhail sam bith gu bheil rabhadh an sàs."