Dh'iarr Comhairle na Gàidhealtachd coinneamh leis a' Phrìomh Mhinistear mun roinn phoblaich

Duine le deise air na sheasamh a' coimhead ris a' chamara. Tha latha breàgha ann agus tha craobhan agus taighean rim faicinn air a chùlaibh.
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Ceannard Comhairle na Gàidhealtachd, Raymond Bremner, airson 's gum bi an t-ùghdarras ionadail an lùib chòmhraidhean

  • Air fhoillseachadh

Tha Comhairle na Gàidhealtachd air coinneamh iarraidh leis a' Phrìomh Mhinistear airson bruidhinn air mar as fheàrr a nì atharrachadh san roinn phoblaich buannachd dhan choimhearsnachd.

Tha seo a' tighinn agus John Swinney an dùil bùird-slàinte air tìr-mòr na h-Alba a ghearradh bho 11 gu dhà, le aon bhòrd airson an taobh an ear agus bòrd eile airson an taobh an iar.

Chaidh seo fhoillseachadh mar phàirt de Phrògram an Riaghaltais aig toiseach na mìos.

Tha Riaghaltas na h-Alba cuideachd a' coimhead air meud 's cruth nan ùghdarrasan ionadail.

Tha beachd air nochdadh tric thar nam bliadhnaichean gu bheil Comhairle na Gàidhealtachd, mar a tha i an-dràsta, ro mhòr.

Tha ceannard na comhairle, Raymond Bremner, ag ràdh gu bheil e airson 's gum bi an t-ùghdarras ionadail an lùib a bhith a' cruthachadh nam planaichean airson an àm ri teachd.

Thurit e: "Tha e soilleir gur e sgìre comhairle mhòr a th' annainn agus tha e cudromach gun tuig sinn gu mionaideach dè air a bheil Riaghaltas na h-Alba a' beachdachadh.

"Tha sinn ann an deagh shuidheachadh airson buaidh a thoirt air a' chòmhradh mu riaghladh ionadail ann an Alba."

Ghabh Mgr Bremner ris gum feum seirbheisean poblach atharrachadh ri linn atharrachaidhean ann an àireamh-sluaigh agus dùbhlain maoineachaidh.

Ach a' bruidhinn air Aithris na Maidne Dihaoine, thuirt e gun robh e soilleir gum feum Comhairle na Gàidhealtachd a bhith an sàs sna còmhraidhean gus na toraidhean às fheàrr fhaighinn do choimhearsnachdan na sgìre.

"'S e cùram sòisealta aon de na dùbhlain as motha a tha mu choinneamh na comhairle," a rèir Mhgr Bremner.

"Tha sinn airson cùram sòisealta a lìbhrigeadh cho faisg 's a ghabhas air na coimhearsnachdan againn.

"Tha sin a' ciallachadh gum feum sinn am modail lìbhrigidh atharrachadh.

"Saoilidh mi gum bi cothroman ann piseach a thoirt air cùram sòisealta agus tha sin a' ciallachadh cuideachd gum feumar beachdachadh air mar a thèid seirbheisean slàinte a lìbhrigeadh taobh a-staigh phlanaichean sam bith airson na seirbheis slàinte nàiseanta."

Draghan

Tha draghan air nochadh mu mholaidhean an riaghaltais a thaobh nam bòrd-slàinte agus sean chathraiche NHS na Gàidhealtachd am measg na th' air an guthan a thogail.

Tha Boyd Robastan ag ràdh gu bheil dragh air gun tèid guth nan coimhearnsachdan iomallach a mhùchadh fo na planaichean is iad a' toirt sgìrean cho eadar-dhealaichte còmhla.

Thuirt e gum bu chòir bòrd-slàinte fa leth a bhith air a chruthachadh airson ceann a tuath agus ear-thuath na dùthcha a fhrithealadh, ri linn 's gu bheil barrachd a' ceangal nan sgìrean sin ri chèile.