"Bòrd slàinte fa leth a dhìth dhan cheann a tuath"

Boyd Robastan
Fo-thiotal an deilbh,

Bha Boyd Robastan na chathraiche air NHS na Gàidhealtachd eadar 2019 agus 2023

  • Air fhoillseachadh

Tha fear a bha roimhe na chathraiche air NHS na Gàidhealtachd ag ràdh gu bheil planaichean an Riaghaltais airson an àireamh de bhùird slàinte ann an Alba a lùghdachadh dualtach buaidh mhòr a thoirt air euslaintich ann an sgìrean dùthchail.

Dh'fhoillisch am Prìomh Mhinistear Iain Swinney planaichean nas tràithe den t-seachdain seo gus na bùird-slàinte air tìr-mòr na h-Alba a ghearradh bho 11 gu 2, le aon bhòrd airson an taobh an ear agus bòrd eile airson an taobh an iar.

Tha Boyd Robastan ag ràdh gu bheil dragh air gun tèid guth nan coimhearnsachdan iomallach a mhùchadh fo na planaichean is iad a' toirt sgìrean cho eadar-dhealaichte còmhla.

Thuirt e gum bu chòir bòrd-slàinte fa leth a bhith ga chruthachadh airson ceann a tuath agus ear-thuath na dùthcha a fhrithealadh, ri linn 's gu bheil barrachd a' ceangal nan sgìrean sin ri chèile.

Làraidh far an deach deuchainnean COVID a dhèanamh air Ghàidhealtachd. Tha i geal le sgrìobhadh air a cliathaiche ag innse gur e clionaig a th' innte. Tha eiann an sgìre dùthchail le beinn air a chùlTùs an deilbh, AFP via Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Bha Boyd Robastan na chathraiche air NHS na Gàidhealtachd aig àm pandemic Chovid-19

Bha an t-Ollamh Robastan na chathraiche air Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd eadar 2019 agus 2023 agus e air an ùghdarras a' stiùireadh tro na bliadhnaichean nuair a bha Covid-19 aig àirde.

Thuirt e nach eil e a' faicinn bhuannachdan sam bith sna planaichean a tha an riaghaltas a' cur air adhart agus gu bheil e duilich fhaicinn cò às a thig na sàbhalaidhean air a bheil iad ag amas.

Gheall am Prìomh Mhinistear Dimàirt nach cailleadh duine sam bith an dreuchd an aghaidh an toil fo na molaidhean.

"Mura bi obraichean gan call, cò às a thig na sàbhalaidhean a tha a dhìth air an riaghaltas?

"Tha mise den bheachd gum bu chòir co-dhùnaidhean a bhith air an ruighinn cho faisg air na daoine agus as urrainn a bhith, agus chan urrainn sin tachairt mura bi ìre eile fo na bùird mhòra.

"Tha sgìre NHS na Gàidhealtachd mar-thà a' frithealadh àitichean le astaran mòra eatorra, agus is ann nas motha dh'fhàsas sin bho na structaran a tha gan cur air adhart."

Ospadal Phort Rìgh
Fo-thiotal an deilbh,

Tha dragh air an Oll. Robastan gum biodh guthan choimhearsnachdan iomallach gam mùchadh fo na planaichean

Thuirt an t-Oll. Robastan, le cho farsaing 's a tha sgìre NHS na Gàidhealtachd, gum faodadh e cron a dhèanamh nan dèidheadh a chur còmhla ri sgìrean gu math eadar-dhealaichte aig deas.

Mhol e an àite sin a cur còmhla le NHS Roinn a' Mhonaidh airson bòrd a bhiodh a' frithealadh a' chinn a tuath.

"'S iad na h-euslaintich a tha cudromach agus tha mòran dhiubh aig an ìre seo fhèin a' dol bhon Ghàidhealtachd gu Obar Dheathain.

"Saoilidh mi mar sin gu bheil e nàdarrach gum biodh ceann a tuath na h-Alba còmhla.

"Aige sin fhèin bhiodh còrr air leth chuid de dh'Alba air a thoirt a-steach agus cha bhiodh an sluagh cho dùmhail agus a tha e ann an sgìrean mu dheas, gu h-àraid timcheall air Glaschu.

Thuirt e gum biodh seo air a dhèanamh cho math ri co-dhiù dà bhòrd eile anns a' chòrr den dùthaich.

Thuirt e gum bu chòir do mhuinntir na Gàidhealtachd an guthan a thogail mu na planaichean agus a' bhuaidh a dh'fhaodadh a bhith aca orra.

"Tha co-chonaltadh a' dol a ghabhail àite agus tha e fìor chudromach gun innis poball na Gàidhealtachd dhan Riaghaltas dè a tha a dhìth orrasan, mus cuirear rudeigin air chois a dh'fheumas iad gabhail ris."

Ospadal a' Bhelford anns a' GhearrastanTùs an deilbh, NHS na Gàidhealtachd
Fo-thiotal an deilbh,

Ospadal a' Bhelford anns a' Ghearrastan

Thuirt neach-labhairt bho Riaghaltas na h-Alba nach ann chun a' mheadhain a bhios seirbheisean gan tarraing fo na molaidhean.

"Bheir iad air falbh dùblachadh air obair, crìochan eagrachail agus biurocrasaidh gus dèanamh cinnteach gum faigh daoine an leigheas agus an cùram as fheàrr ge bith càite a bheil iad a' fuireach," thuirt iad.

"Cha deach na structaran a bhios ann a dhearbhadh fhathast.

Bidh molaidhean mionaideach gan toirt air adhart le bhith a' bruidhinn ri bùird-slàinte, luchd-obrach, na h-aonaidhean, ùghdarrasan ionadail, ùghdarrasan amalachaidh, com-pàirtichean ann an cùram sòisealta agus am poball."

Thuirt Sarah Compton-Bishop, Cathraiche NHS na Gàidhealachd: "Tha sinn ag aithneachadh gum feum seirbheisean slàinte air feadh na h-Alba atharrachadh, agus na h-amasan a tha an lùib ath-leasachadh na roinne poblaich.

"Bidh e cudromach gun tèid beachdachadh air feumalachdan, dùbhlain agus cothroman sònraichte ar coimhearsnachdan dùthchail agus eileanach.

"'S e buidheann reachdail a th' ann an NHS na Gàidhealtachd agus gus an tig atharrachadh sam bith, leanaidh sinn oirnne a' cur taic ri co-obraichean agus a' coimhead às dèidh ar coimhearsnachdan air Ghàidhealtachd agus ann an Earra-Ghàidheal is Bòd."

Tuilleadh air an sgeulachd seo