Fàilte air sgioba seirbheis ùr MRI nan Eilean Siar a thòisicheas san Dàmhair

An t-Àrd-rèidio-ghrafaiche, Joanne Adlam (sa mheadhan), agus Chidiuso Maureen Ifenna-Muokanne (clì) 's Kes Sinfield-Newma a bhios ag obair còmhla rithe
- Air fhoillseachadh
Thuirt NHS nan Eilean Siar gun tòisich seirbheis sganair MRI air a' 5mh den Dàmhair - a' ciallachadh gum faigh mòran euslainteach deuchainnean nas luaithe agus nas fhaisge air an taigh.
Tha an obair air a bhith a' dol bho thoiseach na bliadhna gus an goireas a stèidheachadh aig Ospadal nan Eilean ann an Steòrnabhagh.
Chaidh triùir fhastadh airson an t-seirbheis a ruith.
Os cionn na sgioba, tha an t-Àrd-rèidio-ghrafaiche, Joanne Adlam, agus ag obair còmhla rithe bidh dithis rèidio-ghrafaichean eile, Chidiuso Maureen Ifenna-Muokanne agus Kes Sinfield-Newman.
Dùil ri seirbheis MRI aig Ospadal nan Eilean Siar ro dheireadh na Sultaine
- Air fhoillseachadh21 An t-Iuchar
Sganair MRI air fàire aig Ospadal nan Eilean ann an Steòrnabhagh
- Air fhoillseachadh9 An Giblean 2025
Thuirt Àrd-oifigear NHS nan Eilean Siar, Gordan Jamieson, gu bheil "an goireas MRI air aon de na leasachaidhean as cudromaiche ann an seirbheisean slàinte nan Eilean Siar sna beagan bhliadhnaichean a dh'fhalbh."
"Nì e diofar mòr do dh'euslaintich agus an teaghlaichean gu bheil sganair MRI agus seirbheis riatanach dhiagnosach nas fhaisge air an taigh leis nach bi aca ri siubhal cho fada."
Stèidhichte air data a chruinnich Bòrd na Slàinte ann an 2024, bidh 1,039 turas ga dhèanamh sa bhliadhna le euslaintich gu goireasan air tìr-mòr airson sganaichean MRI.
Tha 17% de na h-euslaintich sin stèidhichte ann an Uibhist, agus 3% ann am Barraigh.

Bidh an goireas MRI ùr a' ciallachadh gum faigh mòran euslainteach sganadh nas fhaisge air an taigh
Tha an t-Àrd-rèidio-ghrafaiche, Joanne Adlam, air a bhith an sàs an obair MRI airson 30 bliadhna.
'S ann à New Zealand a tha i bho thùs ach fhuair i trèanadh ann an Southhampton sna 90an nuair a thòisichear air teicneòlas MRI a chleachdadh an toiseach.
Bha i os cionn na sgioba MRI ann an Rotorua, am baile san do thogadh i, airson còrr is 12 bliadhna.
Thuirt i: "Tha e fìor mhath a bhith mar phàirt de sgioba a tha an urra ri seirbheis ùir, agus a bhith a' faicinn na buannachd a gheibh euslaintich bho sganair MRI nas fhaisge orra."

Joanne Adlam, an t-Àrd-rèidio-ghrafaiche, ann an ionad-fàilteachaidh an ionaid MRI an teis-mheadhan na h-obrach-togail
Thòisich Chidiuso Maureen Ifenna-Muokanne an obair aice ann an Nigeria mus do ghluais i a Leòdhas airson a dhol na ball den sgioba rèidio-eòlais an Ospadal nan Eilean Siar.
Bha i airson a bhith mar phàirt den t-seirbheis ùir MRI agus fhuair i teisteanas bho Oilthigh Lunnainn agus eòlas air an obair aig Ospadal an Rathaig Mhòir ann an Inbhir Nis.
Thuirt i: "Bha e a-riamh a' còrdadh rium a bhith a' dèanamh obair MRI agus tha mi air mo dhòigh a bhith ann an sgioba a tha a' toirt seachad seirbheis don choimhearsnachd ionadail."
Tha i ag ràdh gun caomh leatha gu mòr beatha shàmhach nan eilean agus cho làidir 's a tha a' choimhearsnachd.
Adhartas ga dhèanamh le obair togail goireas MRI aig Ospadal nan Eilean
- Air fhoillseachadh5 Am Màrt
Dùil gun tòisich obair air sganair MRI nan Eilean Siar as t-fhoghar
- Air fhoillseachadh25 An Lùnastal 2025
Thòisich Kes Sinfield-Newman ann an obair rèido-eòlais ann an Southhampton bho chionn sia bliadhna.
Rinn i preantasachd agus thàinig i a Leòdhas sa Ghearran nuair a chuala i mun dreuchd san t-seirbheis ùir ann an Steòrnabhagh bho cho-obraiche.
Thuirt i: "'S e atharrachadh mòr a th' ann dhomh gluasad dha na h-Eileanan Siar ach chuir a h-uile duine fàilte mhòr orm.
"Tha mi air leth toilichte a bhith mar phàirt den sgioba MRI agus seirbheis ùr a stèidheachadh dha na h-eileanan."
Tòisichidh an t-seirbheis MRI air a' 5mh den Dàmhair.