"Tha Comhairle na Gàidhealtachd cus ro mhòr"

An t-Eilean Sgitheanach
  • Air fhoillseachadh

Cluinnidh Comhairle na Gàidhealtachd Diardaoin gu bheil an t-ùghdarras ionadail cus ro mhòr is gum bu chòir coimhead ri a briseadh suas.

Tha naoidhnear chomhairlichean bho sgìrean air feadh na Gàidhealtachd air gluasad a chur air adhart is iad ag iarraidh air ceannardan sgrìobhadh gu Riaghaltas na h-Alba mun chùis gus ath-sgrùdadh iarraidh.

A rèir nan comhairlichean, chaidh an structar a th' ann "a sparradh air an sgìre bho chionn cha mhòr 30 bliadhna mar dheuchainn, gun feart a thoirt air feumalachdan dhaoine is choimhearsnachdan air feadh na Gàidhealtachd".

Tha iad ag ràdh, a dh'aindeoin deagh rùn na comhairle, nach eil an suidheachadh a th' ann a' freagairt air coimhearsnachdan, is nach urrainn do bhuill "ach an dìcheall a dhèanamh taobh a-staigh siostaim anns a bheil laigsean bunaiteach".

Thuirt iad gu bheil "grunn riochdairean aig àrd-ìre ann an Riaghaltas na h-Alba air a ràdh roimhe gu bheil sgìre Comhairle na Gàidhealtachd ro mhòr", is gum bu chòir gabhail ri tairgse bhuapa àth-sgrùdadh a dhèanamh.

"Bha mise den bheachd bho chionn fhada gu bheil Comhairle na Gàidhealtachd cus ro mhòr gus freagairt air na feumalachdan eadar-dhealaichte aig coimhearsnachdan a tha fada bho chèile ann an sgìre cho mòr," thuirt fear de chomhairlichean a' Ghearasdain is Àird nam Murchan, Anndra Baxter, a tha am measg na chuir an gluasad air adhart.

"Bha mi a' creidsinn seo fiù 's mus deach mi nam chomhairliche ann an 2012," thuirt e.

Fo-thiotal,

Aithris Dhoneil MhicLeòid air a' ghluasad a thèid air beulaibh Comhairle na Gàidhealtachd Diardaoin

Tha Matthew Reiss bho uàrd Inbhir Theòrsa is Iar Thuath Ghallaibh cuideachd air ainm a chur ris a' ghluasad.

Thuirt an Comh Reiss gu bheil faireachdainn ann is a' sìor fhàs air a' Ghàidhealtachd nach eil sgìrean dùthchail a' faighinn cothrom na Fèinne.

Chan eil Comhairle na Gàidhealtachd fhèin air beachd a thoirt seachad air a' chùis air thoiseach air an deasbad Diardaoin.

Thàinig rabhadh ge-tà, bho fhear a bha roimhe na chomhairliche ann an Inbhir Nis

"Tha mi a' smaointinn gu bheil beachd rudeigin fàbharach aig daoine air cò ris a bha na seann chomhairlean sgìreil coltach," thuirt Thomas Prag.

"Tha cuimhne agam orra is cha do shaoil mi gun robh iad cho math sin.

"Chan eil mi cinnteach an e deagh bheachd a th' ann Comhairle na Gàidhealtachd a sgaradh," thuirt e.

A thuilleadh air iarraidh air ceannard na comhairle sgrìobhadh gu Riaghaltas na h-Alba mun chùis, tha an gluasad cuideachd airson is gun tòisich an t-ùghdarras ionadail air beachdan chomhairlichean a thrusadh is buidheann-obrach a stèidheachadh.

Thèid an gluasad a dheasbad aig an làn-chomhairle Diardaoin, taobh a-muigh.