Sgrùdadh an dèidh toradh Sàr-Àrd-Ìre nan Eilean Siar

- Air fhoillseachadh
Nì Comhairle nan Eilean Siar ath-sgrùdadh an dèidh crìonadh san àireimh de sgoilearan a fhuair A, B, no C ann an deuchainnean Sàr-Àrd-ìre sna h-Eileanan.
Bha ge-tà, na h-àireamhan anns a' cheud de sgoilearan a fhuair A, B no C anns na toraidhean aig Nàiseanta 5 agus Àrd-Ìre nas motha na sa chòrr den dùthaich.
"Tha sinn an ìre mhath toilichte le mar a thàinig toraidhean nan deuchainnean am-bliadhna - gu h-àraid aig Ìre Nàiseanta 5, agus Àrd-Ìre, far a bheil na toraidhean againn fhèin anns na h-Eileanan an Iar nas àirde na chunnaic sinn gu nàiseanta," thuirt ceannard foghlaim na Comhairle, Dòmhnall MacLeòid.
"Tha sinn a' tuigsinn cuideachd, leis na deuchainnean a' tilleadh mar a bha iad ron phandemic gu bheil na h-àireamhan a' dol air ais mar a bha iad ron sin.
"Tha sinn a' tuigsinn gun robh na toraidhean aig Sàr-Àrd-Ìre na b' ìsle na bha sinn a' sùileachadh, agus na b' ìsle na bha sinn ag iarraidh.
"Chan eil tòrr òigridh a-nise a' taghadh chuspairean aig Sàr-Àrd-Ìre mar a bha.
"Seach gu bheil na h-àireamhan ìosal, tha sin a' toirt buaidh air mar a bha na h-àireamhan anns a' cheud.
"Thèid sinn tro na cuspairean air fad thairis air na ceithir sgoiltean, leis na sgoilearan a bha a' gabhail chùrsaichean aig Sàr-Àrd-Ìre, agus a' sealltainn air na cùrsaichean a bha iad a' dèanamh, an obair a rinn iad airson dèanamh deiseil airson nan deuchainnean, agus cuideachd a' faicinn an e na cùrsaichean ceart a bh' ann dhaibh.
"Am biodh iad nas fheàrr a' dèanamh cuspair diofraichte, no cuspair eile aig Àrd-Ìre an àite a bhith a' dèanamh an aon chuspair a-rithist aig Sàr-Àrd-Ìre?
"Agus cuideachd dìreach an uair sin a' faicinn dè mar a bha a' tachairt le teagasg, agus dèanamh deiseil airson deuchainnean, 's bidh sinn a' dèanamh sin thairis air na ceithir sgoiltean againn air fad sna seachdainnean a tha romhainn," thuirt e.