Plana Gàidhlig ùr do dh'Earra-Ghàidheal is Bòd

Taighean ann an TiriodhTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Dh'fhoillsich Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid plana Gàidhlig le amas barrachd chothroman a thoirt do dhaoine san sgìre gnothach a ghabhail leis a' chànan eadar 2027 is 2032.

Mar phàirt den phlana,, taobh a-muigh a chaidh ullachadh an dèidh conaltraidh phoblaich a mhair sia seachdainean, nì a' Chomhairle measadh feuch dè na tha de luchd-labhairt am measg an luchd-obrach aca agus seallaidh iad "spèis cho-ionnan" don Ghàidhlig agus don Bheurla a thaobh ìomhaigh chorporra na buidhne, a' toirt a-steach lìbhrigeadh sheirbheisean.

Cumaidh iad cuideachd taic ri tachartasan cultarail agus cothroman ionnsachaidh.

Anns a' chunntas-sluaigh mu dheireadh (2021) bha a' Gàidhlig gu ìre air choireigin aig 6.2% de mhuinntir na sgìre - suas bho 4% ann an 2011.

Ann an cuid de dh'eileanan na sgìre leithid Ìle, Colbhasa, Muile, Luinn, Tiriodh, Colla agus Lios Mòr, tha dual-chainntean ionadail fhathast rin cluinntinn.

Tha conaltradh poblach a' dol an-dràsta, a thòisich toiseach na Sultaine 's a mhaireas bliadhna, air Sgìrean Cànain Sònraichte a stèidheachadh ann an Earra-Ghàidheal is Bòd fo Achd nan Cànanan Albannach 2025.

Gheibhear an cànan mar chuspar C2 no C3 ann an 70% de sgoiltean na sgìre, le 2,079 sgoilear ag ionnsachadh a' chànain eadar diofar ìrean sgoile.

Thuirt a' Chomhairle gu bheil iad airson a' Ghàidhlig a dhaingneachadh agus fàs a thoirt oirre san sgìre.

"Tha a' Ghàidhlig air a fighe a-steach do sgeul Earra-Ghàidheal is Bhòid. Chì sinn e nar n-ainmean-àite, thathar ga cluinntinn sna coimhearsnachdan agus air a comharrachadh tro ar cultar, foghlam agus tachartasan," thuirt an Comh Luna Martin, Stiùiriche Poileasaidh air Atharrachadh Gnàth-shìde, Bith-iomadachd agus Gàidhlig.

"Tha am Plana ùr seo mu dheidhinn a bhith a' cruthachadh barrachd chothroman do dhaoine gus eòlas a chur air Gàidhlig, a h-ionnsachadh agus a cleachdadh ann an dòighean a tha brìoghmhor dhaibh."

Cumaidh iad orra, thuirt an t-ùghdarras ionadail, a bhith ag obair còmhla ri coimhearsnachdan, buidhnean agus eile le ùidh sa chànan gus amasan a' phlana aca a thoirt gu buil thar a' chòig bliadhna a tha romhainn.