Poilis 'son bruidhinn ri duine an co-cheangal ri mèirle an Tiriodh

- Air fhoillseachadh
Sgaoil Poileas Alba dealbh de dhuine ris a bheil iad airson bruidhinn ann an co-cheangal ri tachartas ann an Sgairinis ann an Tiriodh air an 2na den Lùnastal.
Bha na poilis air fiosrachadh iarraidh roimhe mu mhèirle aig Oifis a' Phuist ann an Sgairinis eadar an 2na is 3mh den Lùnastal is iad ag ràdh gun deach falbh le còrr is £1,000.
Tha iad ag ràdh a-nise gur dòcha gu bheil fiosrachadh aig an duine san dealbh a chuidicheas iad leis an rannsachadh aca.
Thuirt iad gu bheil an duine mu shia troighean a dh'àirde, gu bheil e caol, is eadar 45 is 60 bliadhna a dh'aois.
Bha ad air, seacaid ghorm le cochall suas, is bha masg air aodann.
Bu chòir do dhuine sam bith a tha ga aithneachadh fios a chur gu Poileas Alba air 101 is àireamh 1593 03/08/2026 a thoirt seachad.
Faodar cuideachd fiosrachadh a chur gu Crimestoppers air 0800 555 111.