Taigh-staile Ghlinn Uais ann an rianachd

- Air fhoillseachadh
Chaidh luchd-rianachd a ghairm a-steach aig taigh-staile ann an Siorrachd Rois a tha leis a' choimhearsnachd.
Thuirt Taigh-staile Ghlinn Uais faisg air Inbhir Pheofharain gu bheil "dùbhlain choimeirsealta agus laghail" a thuilleadh air cosgaisean, air am fàgail san t-suidheachadh.
Chaidh a' chompanaidh a chur air bhog ann an 2015, le taic-ionmhais bho 3,000 neach, a' cur a' chiad uisge-bheatha air a' mhargaidh an an 2021.
'S iad Alistair McAlinden agus Geoff Jacobs aig a' chompanaidh Interpath Advisory a chaidh ainmeachadh mar cho-luchd-rianachd.
Dh'innis an taigh-staile air a' mhìos a chaidh gun robh "ùine fhada de thrioblaidean coimeirsealta, obrach agus laghail" air a bhith a' toirt buaidh air a' ghnothachas, a thuilleadh air cosgaisean obrach a bhith ag èirigh.
Thuirt a' chompanaidh, nuair a dh'fhosgail an taigh-staile ann an 2017, gur e a' chiad taigh-staile uisge-bheatha chiùird san t-saoghal a bha gu tur ann an sealbh coimhearsnachd.
Bha planaichean air fàire airson tram dealain a bheireadh luchd-tadhail à Inbhir Pheofharain ris a' bhruaich chun an taighe-staile.
Ann am brath air a' mhìos a chaidh, thuirt cathraiche an taighe-staile, Jock Ramsay, gun robh e air a bhith leis a' choimhearsnachd airson deich bliadhna, ga chumail a' dol le "taic iongantach" bho na buill, na saor-thoilich agus an luchd-obrach aca.