Taigh-staile ùr air fosgladh
- Air fhoillseachadh

Dh'fhosgail taigh-staile ùr faisg air Inbhir Pheofharain.
Thathas a' gabhail a' chiad taigh-staile ciùird a tha leis a' choimhearsnachd, air Taigh-Staile Ghlinn Uais.
Chaidh a thogail an dèidh do dh'iomairt mhaoineachaidh sluaigh, a th' air còrr air 3,000 ball a thàladh gu companaidh bhuannachd coimhearsnachd.
Cha deach uisge-beatha a tharraing anns an sgìre bho chionn 90 bliadhna.
Nì an taigh-staile cuideachd sineabhar, a bhios ri fhaotainn bhon ath-bhliadhna.
Tha an t-ionad a' faighinn cumhachd bho sgeama ath-nuadhachail.