Sgìre Cànain Shònraichte don Ghàidhealtachd air fad "maslach"

- Air fhoillseachadh
Tha luchd-iomairt na Gàidhlig ag ràdh gu bheil beachd Comhairle na Gàidhealtachd an sgìre gu lèir a chomharrachadh mar Sgìre Canain Shònraichte a thaobh na Gàidhlig "a' dèanamh cùis-mhagaidh de dh'amasan an reachdais".
Bha gum biodh sgìrean cànain sònraichte far am biodh poileasaidhean leasachaidh airson na Gàidhlig neo Albais mar phàirt de dh'Achd nan Cànanan Albannach a thàinig a-steach san t-Samhain an-uiridh.
Thog a' bhuidheann Misneachd - a bha gu mòr an sàs ann a bhith ag ullachadh an lagh ùir - dragh agus aithisg Sgioba Stiùiridh Comhairle na Gàidhealtachd, taobh a-muigh air moladh an inbhe ùr a chur air an sgìre gu lèir.
Thuirt Màrtainn Mac a' Bhàilidh bhon bhuidhinn gur e an argamaid aca bho thùs "gum feumadh crìoch air choireigin a bhith ann air a' mheud as motha a dh'fhaodadh a bhith ann air sgìre cànain shònraichte".
Thuirt e gun deach an reachdas a dhealbh airson "cothrom nas fheàrr a thoirt do na sgìrean as làidire a bhith a' dèanamh adhartais nas luaithe".
"Chan e ceum idir air adhart", thuirt e, a th' anns na tha an t-ùghdarras ionadail a' moladh.
Sgìre Comhairle na Gàidhealtachd gu lèir gus inbhe Sgìre Cànain Shònraichte fhaighinn
- Air fhoillseachadhBho chionn 1 latha
Seirbheisean Poblach tron Ghàidhlig ann an Sgìrean Cànain Sònraichte
- Air fhoillseachadh8 Am Faoilleach
Tha oifigich an ùghdarrais ionadail ag ràdh gur e na tha iad a' moladh an dòigh as ciallaiche agus as seasmhaiche an stiùireadh bhon riaghaltas a chur an gnìomh.
Tha dragh orra gun caill sgìrean cothroman mura h-eil iad mar phàirt de sgìre chomharraichte a thaobh an reachdais.
Bidh Comataidh na Gàidhlig a' beachdachadh air an aithisg aca Diciadain an ath-sheachdain.
Tha Comhairliche Eilean a' Cheò is Ratharsair, Criosaidh NicIllÌosa, air a' chomataidh agus a' dìon molaidh a tha "soilleir is reusanta".
Tha i a' cumail a-mach gu bheil "na sgìrean sònraichte ann" mar-thà.
Thuirt i: "Tha sinn ag obair air leasachadh aig ìre choimhearsnachd co-dhiù agus bidh sinn ag obair ann an Eilean a' Cheò agus Ratharsair mar sgìre fhèin.
"Nuair a tha sinn a' coimhead air poileasaidhean mar seo tha sinn a' coimhead air an sgìre air fad ach nuair a tha iad a' bruidhinn air obrachadh aig ìre choimhearsnachd tha iad ga dèanamh ann an sgìre nas lugha agus mar sin tha e nas fhasa do na h-oifigearan na leasachaidhean a dhèanamh," thuirt i.
"Seo maslach agus chan eil còir gabhail ris"
Tha Misneachd ag ràdh nach tàinig bun-inbhean a thaobh an reachdais bhon riaghaltas fhathast agus tha beachd aca gum faic oifigich na comhairle nach "gabh an coileanadh sa h-uile sgìre dhen Ghàidhealtachd".
Tha iad ag ràdh "nach e ceum air adhart idir a th' ann" agus nach "dèan e sgath feum ma 's ann mar seo a bhios cùisean".
Thuirt iad: "Tha seo maslach agus chan eil còir gabhail ris."
Tha Misneachd mar-tha air litir a chur gu buill Comataidh na Gàidhlig ag iarraidh orra cur an aghaidh moladh nan oifigeach.