Gaisgeach panto na Gàidhlig a' sàbhaladh muinntir na Talmhainn

Bhon chlì, boireannach le lèine orainds agus bonaid bhuidhe oirre. Sa mheadhan, tha fear le gruag uaine agus speuclairean èibhinn purpaidh agus ri thaobh, tha boireannach le gruag airgid agus deise airgidTùs an deilbh, FÈISEAN NAN GÀIDHEAL
Fo-thiotal an deilbh,

'S iad Grace Morton (clì), Aonghas MacLeòid agus Sinead Swann na cleasaichean a bheir beò an sgeulachd aig Seonaidh Lucas

  • Air fhoillseachadh

Thèid an sgeulachd aig Seonaidh Lucas agus mar a rinn e dìon air a h-uile duine air an t-saoghal, agus dreag an cunnart cur às dhaibh, innse sa Phanto Ghàidhlig aig Fèisgoil am-bliadhna.

Bidh an t-seirbheis foghlaim aig Fèisean nan Gàidheal (FnG) a' taisbeanadh 'Seonaidh Lucas agus Dreag na Hòro-gheallaidh' ann an 22 sgoil sa chola-deug a tha romhainn.

Ge-tà, tha an sgrìobhaiche, Aonghas MacLeòid, Oifigear Dràma FnG, ag ràdh gu bheil e "freagarrach don a h-uile duine aois 1 gu 100!".

Tha an dealbh-chluich a' mìneachadh iomairt Sheonaidh Lucais airson stad a chur air dreag bho bhith a' bualadh sa chruinne-cè.

Ag obair còmhla ris tha AonghasIna, an ròbot-taice aige aig Ionad Fànais ùr Chataibh far a bheil e air greis-gnìomhachais.

Feumaidh an dithis aca seasamh an aghaidh Fearchar Clis, an dannsair as bragaile sa chruinne-cè, agus feumaidh Seonaidh misneachd a lorg na chomasan fhèin gus muinntir na Talmhainn a shàbhaladh.

Tha am panto, air a stiùireadh le Fearghas Rothach, a' gealltainn òrain Nollaige, fealla-dhà leis an luchd-èisteachd agus co-fharpais dannsaidh eu-coltach ri rud sam bith air thalamh.

'S iad na cleasaichean a bheir beò an sgeulachd air an àrd-ùrlar an sgrìobhaiche fhèin, an seinneadair Grace Morton agus Sinead Swann a bhios a' dèanamh ceòl rap sa Gàidhlig fon ainm Limonead.

Thug Eilidh NicCoinnich, Manaidsear Fèisgoil aig FnG, taing do na buidhnean maoineachaidh agus "na sgoiltean a tha a' fosgladh an dorsan dhan fhèilleachd".

Thuirt i: "Tha panto FnG a' toirt aoibhneas coimhearsnachd do sgoiltean air feadh na dùthcha."

Tha tomhas ann gum bi cothrom aig suas ri 1,000 sgoilear am panto fhaicinn, ach bidh taisbeanadh ann dheth dhan phoball aig Cultarlann Inbhir Nis air an 3mh den Dùbhlachd.