Deasbairean òga "le puingean inntinneach, pongail is air an deagh rannsachadh"

Dithis nigheanan le deiseachan sgoile dorcha orra gus nighean agus gille le lèintean geala agus taidhean orra. Tùs an deilbh, Deasbad Nàiseanta nan Àrd-sgoiltean
Fo-thiotal an deilbh,

Eilidh NicLeòid (clì), Carly Hall, Hannah NicLeòid agus Dòmhnall Eachann MacIllEathain

  • Air fhoillseachadh

'S iad Sgoil Ghreenfaulds agus Sgoil Bhàgh a' Chaisteil a choinnicheas ann an cuairt dheireannach deasbad nan àrd-sgoiltean ann an Dùn Èideann.

Shoirbhich leis an dà sgoil sin anns na h-iart-chuairtean deireannach a-raoir, a' ciallachadh gum bi cothrom aca cuspair a dheasbad am Pàrlamaid na h-Alba a-nochd fhathast.

Bidh sin ri chluintinn beò air BBC Radio nan Gàidheal agus 's e Megan NicGilleFhialain a bhìos ga lìbhreagadh.

Bha i cuideachd an làthair a-raoir nuair a rinn na crìochaichean a' chùis air sgiobaidhean bho Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis agus Àrd-sgoil Phort Rìgh aig Comunn Rìoghail Dhùn Èideann.

Tha i ag ràdh gun robh na argamaidean a rinneadh "làn phuingean inntinneach, pongail agus air an deagh rannsachadh".

'S e an cuspair a bhios aig an luchd-deasbaid òga a-nochd, 'Glèidhidh craoladh agus na meadhan-sòisealta a' Ghàidhlig'.

Thuirt Megan: "Tha mi a' creidsinn gur e deasbad da-rìribh inntinneach a bhios romhainn a-nochd."

Tha Megan air a bhith an sàs san deasbad bhon bha na ciad chuairtean ann an Steòrnabhagh, agus tha i a' cur umhail air mar a tha na sgoilearan air tighinn air adhart.

"Tha iad da-rìribh ag èisteachd ri na tha na britheamhan air a ràdh agus tha iad a' toirt sin air adhart.

"An ìre de Ghàidhlig cuideachd aig na sgoilearan, tha iad dìreach rim moladh airson na h-obrach tha iad a' dèanamh," thuirt i.

Cluinnear an deasbad beò bho 7.00f air BBC Radio nan Gàidheal agus tro dhuilleag FB Comhairle nan Eilean Siar.