Phàigh Comhairle na Gàidhealtachd còrr air £500k 'son cron a rinn tuill-rathaid

Dealbh a thogadh an 2024 de tholl san rathad an Gallaibh
Fo-thiotal an deilbh,

Dealbh a thogadh an 2024 de thuill san rathad an Gallaibh

  • Air fhoillseachadh

'S e Comhairle na Gàidhealtachd an t-ùghdarras ionadail a bu mhotha a chosg de dh'airgead-dìolaidh do dhaoine an dèidh tuill sna rathaidean milleadh a dhèanamh air carbadan sna còig bliadhna a dh'fhalbh.

A rèir sgrùdadh a rinn am BBC, phàigh comhairlean na h-Alba còrr air £2m do dhraibhearan san ùine sin, le Comhairle na Gàidhealtachd a' pàigheadh na suime a b' àirde - £579,000.

Fhuair am BBC fiosrachadh mu thagraidhean is pàighidhean co-cheangailte ri tuill anns na rathaidhean bho chomhairlean air feadh na Rìoghachd Aonaichte, 26 an Alba nam measg.

Chaidh beachd iarraidh bho Chomhairle na Gàidhealtachd.

Tha Iain Gregory bho Bhuidheann Leasachadh Rathaidean Ghallaibh ag ràdh "gu bheil cuid de dhaoine air milleadh luach còrr air £1,000 fhulang".

Thuirt e: "Tha staid nan rathaidean air a' Ghàidhealtachd, gu h-àraid an Gallaibh cho truagh agus nach eil e a' cur iongnadh orm gun do rinneadh na h-uimhir de thagraidhean.

"'S e suim mhòr a th' ann agus b' fheàrr leinn gun rachadh a chosg air càradh nan rathaidean is nan cabhsairean. 'S e dòigh mòran na b' fheàrr a bhiodh ann airgead poblach a chosg."

Thug luchd-iomairt nan rathaidean an Gallaibh rabhadh seachad roimhe mun mhilleadh a bhios na tuill sna rathaidean a' dèanamh air carbadan, agus gu bheil sin a' cur dhaoine dheth bho bhith a' fuireach agus ag obair san sgìre.

Milleadh air cuibhle càir a rinn tuill san rathad
Fo-thiotal an deilbh,

Chualar gun do rinneadh milleadh luach còrr air £1,000 not air cuid de charbadan an Gallaibh

Eadar 2020 agus 2025, shoirbhich le 74% de na 2,005 tagradh a fhuair Comhairle na Gàidhealtachd - an àireamh a b' àirde san dùthaich.

Aig a' cheart àm, b' e dìreach 6% de thagraidhean a fhuair cead bho Comhairle Dhùn Èideann - ged a chaidh an dàrna àireamh a b' àirde de dh'iarrtasan thuca.

Phàigh Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid còrr air £12,000 le faisg air £17,000 a' tighinn bho Chomhairle Mhoireibh.

Cha robh dàta ann dhan na h-Eileanan an Iar.

Cosgaidh Comhairle na Gàidhealtachd £21.5m airson rathaidean a chàradh agus a leasachadh sa bhliadhna ionmhais seo.

Tuilleadh air an sgeulachd seo