Rathaidean Gallaibh: "Chan eil plana ann"

  • Air fhoillseachadh
Rathad ann an GallaibhTùs an deilbh, Getty Images

Dh'innis fear de chomhairlichean Ghallaibh gum bi plana ann dèiligeadh ri droch staid rathaidean na sgire, ach nach eil plana aca an-dràsta.

Tha an naidheachd a' tighinn agus gearan ga dhèanamh ri Ombudsman Nan Seirbhisean Poblach gun do dh'fhaillich air a' Chomhairle na rathaidean a chumail aig an ìre a bu chòir.

"Tha mi ga thuigsinn," thuirt an Comh. Raymond Bremner.

"Gheàrr a' Chomhairle maoineachadh calpa grunn bhliadhnaichean air ais, agus ann an cuid de sgìrean cha deach an suim lùghdaichte a chosg gu h-iomlan air na rathaidean - gu sònraichte shuas an seo ann an Gallaibh.

"Fo-chosg"

"'S ann dìreach bho chionn ghoirid a tha a' Chomhairle air na tha de dh'airgead ri chosg air na rathaidean a mheudachadh.

"Ann an Gallaibh tha sinn a-nis a' cosg còrr 's a dhà uiread den bhuidseat a bh' againn roimhe, ach tha fhios againn, chan e gu leòr a th' ann.

"Gu cinnteach ann an Gallaibh chan eil na rathaidean aig an ìre a bu chòir.

"'S e an fho-chosg ann an Gallaibh am prìomh adhbhar a tha na rathaidean ann an staid cho uabhasach.

"Chan eil prògram ath-chòmhdachaidh air a bhith ann airson grunn bhliadhnaichean.

"'S e seo aon de na prìomh adhbharan a tha mi air a bhith a' putadh gus barrachd airgid a chosg air na rathaidean agus gus dèanamh cinnteach gun tèid a chosg," thuirt e.

Ro-innleachd

Tha a' bhuidheann iomairt Caithness Roads Recovery ag ràdh gu bheil a' Chomhairle air fàiligeadh nan dleastanas fo Achd nan Rathaidean (Alba) 1984 na rathaidean a chumail aig ìre.

"Feumaidh a' Chomhairle ro-innleachd rathaidean cheart, agus 's e sin an t-adhbhar a dh'iarr sinn air rianachd na Comhairle a' chùis a chur gu Bòrd Ath-dhealbhachaidh na Comhairle," thuirt an Comh. Bremner.

"Obraichidh am bòrd air an ro-innleachd, agus cuidichidh sin a bhith a' dearbhadh na tha de thasgadh a dhìth airson an suidheachadh fhaighinn air ais.

"Chan eil plana aig a' Chomhairle an-dràsta - sin as coireach gu bheil mi a' bruidhinn mu dheidhinn Bòrd an Ath-dhealbhachaidh.

"Feumaidh plana a bhith againn.

"Tha sinn ag iarraidh faighinn a-mach dè bhios sinn gu bhith a' dèanamh mu dheidhinn nan rathaidean.

"Dè a' chosgais a bhios ann airson a h-uile càil a chur ceart?

"Sin a tha sinn a' dol a dhèanamh aig a' bhòrd," thuirt e.

Faiceall

Thuirt Caithness Roads Recovery gu bheil staid nan rathaidean san sgìre air carbadan a mhilleadh, agus gun tàinig dithis far nam baidhseagalan aca bho chionn ghoirid, 's nach fhada gus am bi tubaist mhairbhteach ann ri linn an t-suidheachaidh.

"Chan eil duine airson tubaist fhaicinn mar thoradh air droch staid nan rathaidean," thuirt an Comh. Bremner.

"Sin as coireach gum feum sinn dèanamh cinnteach gun cuir sinn aghaidh air a' chùis cho luath 's a ghabhas.

"Tha e gu math doirbh a bhith a' dràibheadhn air na rathaidean ann an Gallaibh. Sin am beachd agamsa.

"Gu h-àraid air an dùthaich.

"Na prìomh rathaidean, tha iad fada nas fheàrr na tha na rathaidean air an dùthaich.

"Feumaidh a h-uile duine a bhith gu math faiceallach nuair a bhios iad a' dràibheadh air na rathaidean ann an seo," thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo