"Cruaidh-fheum" air airgead-calpa a bharrachd 'son rathaidean nan Eilean Siar

Uinneag-aghaidh ùr ga chur ri càr
Fo-thiotal an deilbh,

Tha staid nan rathaidean a' dèanamh milleadh air càraichean

  • Air fhoillseachadh

Tha Comhairle nan Eilean Siar air sgrìobhadh gu Riaghaltas na h-Alba 's iad ag ràdh gu bheil cruaidh-fheum air airgead-calpa a bharrachd airson rathaidean a leasachadh sna h-eileanan.

Tha bliadhnaichean de ghearraidhean ri linn gearradh ann am maoineachadh bho Riaghaltas na h-Alba air buaidh a thoirt air iomadh seirbheis.

Bidh daoine a' gearain tric is minig mu staid nan rathaidean ann an iomadach sgìre.

Ann am beachd Aonghais Mhicleòid aig a bheil eòlas air rathaidean nan Eilean Siar agus aig an robh garaids ann an Tolasta Chaolais roimhe, tha thìde ann tuilleadh airgid a chosg orra.

"Cha robh dùil agamsa gun gearradh iad barrachd na tha iad air an gearradh," thuirt e.

"Nuair is cuimhne leamsa, bha dusan duine san sgìre seo ag obair aig an rathad, aig a' Chomhairle.

"Chan ann a' cur a' choire air a' Chomhairle a tha mise idir, 's ann a tha mise a' cur a' choire air an Riaghaltas.

"Chan eil a' Chomhairle a' faighinn an airgid airson rathaidean a dhèanamh, agus mar a tha mise a' faicinn, uiread 's a th' air fhàgail, 's e triùir ann an transit pickup a' dol timcheall le barra no dhà teàirr, a' cur teàirr dha na tuill a th' air an rathad.

"Eil an gearradh a tha iad a' dèanamh a' ciallachadh nach tèid na tuill fhèin a lìonadh? No an e gum bi nas lugha aca gan lìonadh?

"Chan eil mi a' faicinn gun gabhadh mòran gearraidh a dhèanamh."

Aonghas MacLeòid
Fo-thiotal an deilbh,

Chan fhaic Aonghas MacLeòid gun gabhadh mòran a bharrachd gearraidh a dhèanamh

Shaoileadh cuid gur e tuill sna rathaidean an rud a bhiodh air aire mhòran ach 's e na clachan beaga bìodach a thathas a' fàgail air na rathaidean a tha ag adhbhrachadh buaireadh, a rèir companaidh a bhios a' càradh charbadan an Steòrnabhagh.

"Tha sinn air a bhith gu math trang an-dràsta leis an fheadhainn a th' air briseadh," thuirt Elaine NicLeòid aig Hebridean Coachworks.

"Tha clachan beaga far an rathaid air a bhith gam bualadh, agus feumaidh iad uinneag-aghaidh ùr airson an MOT aca fhaighinn.

"Tha e air a bhith gu math tric. Tha thu a' faicinn barrachd dhaoine a' tighinn a-steach le tuill bheaga anns an uinneig aca, 's iad a' feuchainn ri bhith ga chàradh gus nach fhalbh an sgàineadh nas fhaide 's gus nach fheum iad uinneag-aghaidh ùr fhaighinn cho tric.

"Tha daoine a' smaoineachadh gu bheil na rathaidean tòrr nas miosa na bha iad.

"Ach tha sinn cuideachd air faicinn duine no dhà a th' air a bhith a-staigh, uinneag-aghaidh ùr fhaighinn, agus chan eil iad air a dhèanamh a-mach às a' bhaile gun spealg eile fhaighinn.

"So tha sin a' ciallachadh gum feum iad uinneag-aghaidh ùr agus excess eile a phàigheadh air an àrachas aca."

Elaine NicLeòid
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Elaine ag ràdh gun bheil clachan beaga air na rathaidean a' dèanamh milleadh air uinneagan chàraichean daoine

'S e aon de na draghan eile a th' aig Aonghas MacLeòid rathad suas gu taighean dubha nan Gearranan ann an Càrlabhagh - sgìre a tha gu math trang le busaichean mòra as t-Samhradh gu h-àraid, ach nach eil freagarrach 'son na tha a' dol orra.

Dh'abharaich sin tubaist bho chionn beagan bhliadhaichean.

"Tha an rathad cho caol," thuirt Aonghas MacLeòid.

"Chan eil ann ach rathad a chaidh a dhèanamh bho chionn 200 bliadhna airson each is cairt.

"Chan eil camasan-feitheimh air ach feadhainn bheaga - tha feadhainn aca cho beag 's nach cuireadh tu each is cairt fhèin air.

"Agus cha deach càil a dhèanamh leis an rathad sin bho chionn 200 bliadhna ach gun deach sgromag thana teàirr a chur air anns na '60an, agus cha deach mòran a dhèanamh ris bhon uair sin.

"Fìor chùis-nàire a th' ann ann an àite far a bheil uimhir de luchd-turais a' tadhal a h-uile bliadhna, nach tèid càil a dhèanamh ris."

Seirbheis as cudromaiche

Dh'innis Comhairle nan Eilean Siar gun do sheall co-chomhairle phoblach mus deach buidseat 'son na bliadhna-ionmhais ri thighinn aontachadh - gur e na rathaidean an t-seirbheis comhairle as cudromaiche dhaibhsan a fhreagair, agus gum bu chòir sin a bhith na phrìomh phròiseact chalpa.

Tha Comhairle nan Eilean Siar air sin a dhèanamh le £400,000 nach robh air a chur mu seach - a' ciallachadh àrdachadh de £200,000 sa bhuidseat sin am-bliadhna.

A bharrachd air sin, tha iad air sgrìobhadh gu Riaghaltas na h-Alba 's iad ag ràdh gu bheil cruaidh-fheum air airgead-calpa a bharrachd airson prìomh rathaidean cnàimh-droma nan Eilean Siar a leasachadh.