
Tha ìmpidh ga cur air Comhairle na Gàidhealtachd rathaidean san Eilean Sgitheanach a chàradh cho luath 's a ghabhas.
Tha dragh san eilean gu bheil staid cuid de na prìomh rathaidean cho truagh agus gum bi tubaist ann mura tèid dèiligeadh riutha.
Tha beachd ann gu bheil iad air a dhol nas miosa buileach an dèidh na sìde reòta a th' air a bhith ann.
Tha còrr agus 900 duine air an ainm a chur ri athchuing ag iarraidh air a' Chomhairle airgead a chosg air obair-càraidh.
"Chan fhaca mi a leithid riamh," thuirt Gilleasbuig Fearghasdan, a bhios a' cumail bùtha ann ann Sgeitheabost.
"'S ann a tha e coltach ri tiodhlacadh a' gabhail seachad.
Slaodach
"Feumaidh càraichean a dhol cho slaodach sin fad na h-ùine seachad.
"Tha e dòrainneach an-dràsta. Tha mi a' creidsinn nach fhaca mi a-riamh rathad cho cearbach ann na dùthaich sam bith.
"Agus tha e annasach mar a tha rathaidean a' dol bhuaithe cho luath - gu h-àraid on a bha an droch shìde againn. Fuachd is reothadh deireadh na bliadhna an-uiridh 's toiseach na bliadhna seo.
"Tha e dìreach air a dhol bhuaithe ann an cabhag. Airson rathad mar seo - chan e prìomh rathad an eilein, ach fear de na rathaidean as cudromaiche.
"Duine sam bith a tha a' siubhal à Dùn Bheagain a dh'ionnsaigh Rubha na h-Eiste is àiteachan uabhasach trang, seo an rathad air am bi iad," thuirt e.
Tha dragh ann gun toir staid nan rathaidean droch bhuaidh air turasachd - gnìomhachas cho cudromach 's a th' ann do dh'eaconomaidh an eilein.
Truagh
"Gu math tric 's e a' chiad rud a chanas daoine a nochdas, cho truagh 's a tha an rathad," thuirt Ali Young, a tha a' ruith làrach champachaidh ann an Stafainn.
"Tha e math dha-rìribh a' faicinn mar a tha an t-Eilean a' tighinn air ais an dèidh Chovid, 's turasachd san àite a-rithist, ach le goireasan - gu h-àraid rathaidean - a tha a h-uile duine a' sùileachadh ann an eilean - mar seo, 's e briseadh-dùil dha-rìribh a th' ann," thuirt e.
Chuir am BBC fios air Comhairle na Gàidhealtachd mun chùis, ach cha d' fhuaireas freagairt fhathast.
Thuirt comhairliche Sgitheanach goirid ron Nollaig ge-tà, gun do thuit prògram nan rathaidean air dheireadh an-uiridh air grunn adhbharan, an cogadh san Ucràin agus uidheamachd a bhith briste sa chuaraidh nam measg.
Tha a' Chomhairle cuideachd air a bhith ag ràdh bho chionn fhada nach eil airgead gu leòr aca airson rathaidean an Eilein Sgitheanaich a chumail ann an deagh òrdugh.
Tha am BBC a' tuigsinn gu bheil a' Chomhairle am beachd dèiligeadh ris an rathad tro Sgeitheabost a dh'aithghearr.