Cluba beag Gàidhealach air stairseach an SPFL

Chaidh Màiri Stiùbhart a thogail air sràid air cùl Pàirce Dudgeon, far a bheil Brùra a' cluich
- Air fhoillseachadh
Chan eil Brora Rangers ach geama air falbh bho a bhith a' glèidheadh àite ann an Lìg Ball-coise Proifeasanta na h-Alba.
Tha an sgioba, a bhuannaich Lìg na Gàidhealtachd am bliadhna, a' dol an aghaidh Edinburgh City, a bha aig bonn Lìg a Dhà, san dàrna gheama playoff eatarra.
Thàinig a' chiad gheama ann an taobh an ear Chataibh gu crìch 1-1 an t-seachdain a chaidh, agus tha iad a-nis a' coinneachadh ann am phrìomh-bhaile na h-Alba Disathairne.
Thuirt stiùiriche a' chluba, Màiri Stiùbhart, gu bheil iad faisg air rudeigin sònraichte a dhèanamh: "Bhiodh e iongantach nam faigheadh sinn gu Lìg a Dhà - 's e rud eachdraidheil a bhiodh ann do Bhrùra."

Air a stèidheachadh ann an 1879, tha an sgioba air a bhith a' cluich ann an Lìg na Gàidhealtachd bho 1962.
Tha geamaichean mòra gu leòr air a bhith rompha roimhe, an leithid nuair a chuir iad Hearts a-mach à Cupa na h-Alba 2-1 san dàrna cuairt dhen fharpais an 2021.
Tha iad air a bhith anns na cuairtean play-off trì tursan - ann an 2015, 2021 agus 2025. Ach tha faireachdainn ann gu bheil an sgioba ullaichte airson adhartas a dhèanamh an turas seo.
"Tha na cluicheadairean againn math gu leòr, agus tha manaidsear agus sgioba coidsidh air leth againn," thuirt Màiri Stìubhart.
"Tha amannan air leth air a bhith againn ron an seo, ach bhiodh seo air thoiseach air a h-uile càil a tha sinn air a dhèanamh."

Tha an sgioba aithnichte gu eadar-nàiseanta a rèir Aileen Ogilivie bho Ionad Dualchais Bhrùra
Tha Aileen Ogilvie, a tha ag obair aig Ionad Dualchais Bhrùra, ag ràdh gu bheil an sgioba fìor chudromach don sgìre.
"Tha ball-coise mar phàirt mhòr dhen dualchas ionadail againn," thuirt i.
"'Nuair a bhios tu air làithean-saora agus daoine ann an àitichean eile anns an t-saoghal a' faighinn a-mach cò às a tha thu, bidh iad ag ràdh 'Ò, tha sgioba ball-coise sgoinneil agaibh!'
"'S e àm gu math brosnachail a th' ann dhan bhaile. Gur math a thèid le Brora Rangers."
Duilleagan eadar-lìn co-cheangailte
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh20 An Giblean
