Ceann an rathaid: Steve Clarke air fàgail

Tha Steve Clarke air obair Àrd-choidse na h-Alba fhàgail as dèidh seachd bliadhna
- Air fhoillseachadh
Oidhche chaochlaideach eile a bh' ann do sgioba naiseanta na h-Alba a-raoir. An toiseach, Croatia a' dèanamh a' ghnothaich air Ghana, geama eile a chaidh an aghaidh sgioba na h-Alba agus a dhearbh gu bheil iad a-nise air an t-slighe dhachaidh.
Thàinig a' chrith-thalmhainn dìreach beagan mhionaidean às dèidh sin ge-tà.
Sin, gun robh Steve Clarke – an coidse as soirbheachail a-riamh aig Alba a thaobh cuairtean deireannach a ruighinn co-dhiù, a thuilleadh air a' choidse leis an àireimh gheamannan as motha fo stiùir – air a dhreuchd a leigeil seachad.
Tha sgioba a' BhBC anns na Stàitean Aonaichte a' tuigsinn gun deach innse do na cluicheadairean nas lugha na leth-uair a thìde mus deach an naidheachd a sgaoileadh gu poblach, le Clarke agus an sgioba fhathast ann an Charlotte far an robhar stèidhichte tro Chupa na Cruinne.
Chan eil ach mìos ann bho chuir Clarke ainm ri cùmhnant ùr a chumadh san obair e ceithir bliadhna eile. A-nise feumaidh Comann Ball-coise na h-Alba cuideigin eile a lorg gus a' bheàrn sin a' lìonadh – rud nach bi sìmplidh, no furasta.
Tha co-dhùnadh Clarke a' tighinn às dèidh iomairt a bha na bhriseadh-dùil aig Cupa na Cruinne – a' chiad turas a tha sgioba nam fear air a bhith an sàs san fharpais bho 1998.
'S e tadhal John McGinn a bhuannaich an aona gheama far an do shoirbhich le Steve Clarke aig farpais mhòr
Rinn Alba a' chùis air Haiti 1-0 anns a‘ chiad gheama aca, mus do chaill iad 1-0 ri Moroco. Bha dòchas air a bhith ann gum bìodh trì puingean gu leòr gus an cumail san fharpais, cho fada 's gum bìodh an sgaradh thadhal aca faisg air neoni.
Chuir Brasil às den dòchas sin, a‘ buannachadh 3-0. Le mar a tha na geamannan air a dhol bhon uairsin ge-tà, bhiodh iad air a bhith feumach air puing bho Bhrasil gus adhartas a dhèanamh a-mach às a' bhuidhinn airson a‘ chiad turas riamh.
Ann an litir fhosgailte chun an luchd-taic, rinn Steve Clarke moladh air na cluicheadairean.
"Às an aonais, cha bhiodh gin de na cuimhneachain eadar 2019 agus an-dràsta air a bhith againn. "
"Tha iad airidh air gach moladh, agus bha e na urram a bhith os an cionn."

Tha gu leòr a dh'atharrachaidhean air a bhith am measg sgioba na h-Alba anns na bliadhnaichean fo stiùir Steve Clarke
Thug e taing cuideachd airson na h-ùine aige san obair, a thuilleadh air deagh fhortan a ghuidhe air ge bi cò a gheibh an obair às a dhèidh.
Tha còrr air seachd bliadhna ann bho ghabh Clarke an stiùir air sgioba nàiseanta na h-Alba. San ùine sin, tha e air Alba a thoirt gu dà fharpais Eòrpach, agus air ais gu Cupa na Cruinne.
Ràinig e trì a-mach à ceithir farpaisean san ùine aige aig an stiùir.
'S e cuideachd an duine leis an àireimh as motha de gheamannan mar àrd-choidse na h-Alba. Ràinig e 81 geama nuair a chluich an sgioba Brasil – deich a bharrachd air Craig Brown nach maireann.
Briseadh-dùil ann am Boston
- Air fhoillseachadh20 An t-Ògmhios
Alba air oir na creige
- Air fhoillseachadhBho chionn 2 làithean
Alba a' buannachadh a' chiad gheama aca aig Cupa na Cruinne
- Air fhoillseachadh14 An t-Ògmhios
A dh'aindeoin an t-soirbheachais sin ge-tà, bha càineadh na chois. Ged a ràinig Alba trì farpaisean mòra, 's beag a' bhuaidh a bh' aca annta.
A-mach à naoi geamannan, cha do bhuannaich Alba ach aonan dhiubh. Cha do chuir iad ach ceithir tadhail anns na geamannan sin cuideachd.
Le Cupa na Cruinne nas motha am-bliadhna, a thuilleadh air sgioba cho làidir 's a tha air a bhith aig Alba ann an iomadach bliadhna, bha dòchas ann gun sealladh an sgioba na bha comasach dhaibh air an àrd-ùrlar as motha. Tha mòran air na Stàitean Aonaichte fhàgail a' faireachdainn nach fhacas càil coltach ris.

Chaill Steve Clarke an geama mu dheireadh aige mar choidse 3-0 an aghaidh Brasil, agus Alba a' tuiteam a-mach à Cupa na Cruinne
Chan eil teagamh ann gu bheil an sguad anns an fharsaingeachd air adhartas a dhèanamh ge-tà. Tha mòran de na cluicheadairean a-nise air còrr air 50 geama a chluiche gu h-eadar-nàiseanta.
Tha cuideachd measgachadh de dh'eòlas ann, le cluicheadairean òga tàlantach leithid Ben Gannon-Doak agus Findlay Curtis air cothroman fhaighinn bho chionn ghoirid.
"Ged a tha sinn tàmailteach mu bhith a' fàgail Cupa na Cruinne aig ìre nam buidhnean, cha dèan math dhuinn dìochuimhneachadh an t-adhartas mòr a th' air tighinn anns na seachd bliadhnaichean fo stiùir Steve Clarke," thuirt Àrd-oifigear Comann Ball-coise na h-Alba Ian Maxwell.
"Tha fios againn nuair a gheibh sinn seachad air a' bhriseadh-dùil ann a bhith a' fàgail Cupa na Cruinne, gum bi an luchd-taic taingeil airson na cuimhneachain an luib tilleadh gu farpaisean mòra uair eile."
'S e a' cheist a-nise cò thèid na àite, agus dè an fheallsanachd a bhios aca?
Tha iomairt ùr ann an Lìog nan Nàiseanan a' tòiseachadh san t-Sultain. Tha co-dhùnaidhean cudromach ri gabhail le Comann Ball-coise na h-Alba - agus ann an cabhag.