Naidheachdan 11:00m

Binn

Tha fear a mharbh sianar aig margaidh Nollaige anns a' Ghearmailt ann an 2024 air binn beatha sa phrìosan fhaighinn. Bha balach, aois 9 agus còignear bhoireannach air am marbhadh ann am baile Mhagdeburg, 's an duine air bualadh annta le càr a bh' air a dhràibheadh leis ann am meadhan-sluaigh. Chaidh còrr air 300 duine a ghoirteachadh. Chuala a' chùirt gun robh Taleb Jawad al-Abdulmohsen, a bhuineas dha Saudi Arabia, an sàs ann a bhith ag iomairt an aghaidh Islam agus a' cur suim ann am beachdan gun bhrìgh a bhith ga sgaoileadh le buidhnean air an fhìor làimh dheis.

Lùchairt Bhuckingham

Tha e air tighinn am bàrr nach eil an Teaghlach Rìoghail idir am beachd a bhith a' fuireach ann an Lùchairt Bhuckingham tuilleadh nuair a bhios ath-leasachadh air an lùchairt seachad. Tha obair luach nam milleanan mòra notaichean ga dhèanamh air an lùchairt agus oifis an Rìgh ag ràdh gum bi an t-àite fhathast aig meadhan beatha làitheil 's beatha oifigeil an Teaghlaich Rìoghail. B' fheàrr leis an Rìgh agus a' Bhanrigh a bhith a' fuireach fhathast aig Clarence House, a rèir choltais. Nochd am fiosrachadh ann an aithisg mu ionmhas an Teaghlaich Rìoghail a tha a' nochdadh cuideachd gun do phàigh an Rìgh cha mhòr £13m ann an cìsean an-uiridh.

Gearastan nan Camshronach

Tha ceannardan Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh nach robh e riamh iomchaidh dha Oifis na Dùthcha a bhith ag amas air na ceudan luchd-siridh comraich a chur a dh'fhuireach ann an Gearastan nan Camshronach ann an Inbhir Nis. Nochd e an-dè gun robh Oifis na Dùthcha air na planaichean sin a chur air dàrna taobh. Ann am brath còmhla, tha Fear-gairm, Ceannard agus Ceannard Dùbhlanach Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh nach tàinig dearbhadh oifigeil thuca fhathast mun sin, ach gun robh an suidheachadh air mì-chinnt mhòr adhbharachadh. 'S nochd e an-diugh gun robh Oifis na Dùthcha air còmhraidhean a thòiseachadh mu thrì làraichean eile a bhuineadh le Ministreachd an Dìon ann an Oxfordshire, Suffolk agus Yorkshire a Tuath a chleachdadh mar dhòigh air luchd-siridh comraich a ghluasad a-mach à taighean-òsta.

Prìosan

Tha dealbhan CCTV a fhuair am BBC a' cur teagamh anns an aithris a rinn Seirbheis Prìosain na h-Alba air mar a bhàsaich fear a bha na phrìosanach aca bho chionn aona bliadhna deug. Às dèidh dha Ailean Marshall, a bha 30, bàsachadh ann am Prìosan Saughton ann an 2015, thuirt oifigearan prìosain gun robh e air a bhith le dol a-mach àraid aige 's gun robh a shalchar fhèin air feadh a bhodhaig mus deach seachd duine deug de dh'oifigearan prìosain an sàs ann a bhith ga chumail fo smachd. Anns na dealbhan ùra ge-tà, tha coltas glan agus socair air an duine. Tha teaghlach Ailean Marshall air cùis-lagha a thogail, agus tha Poileas Alba, Seirbheis Prìosain na h-Alba agus Riaghaltas na h-Alba còmhla ron seo air leisgeul a thabhainn anns a' chùis.