An là a chunnaic U-47 an SS Arandora Star

SS Arandora StarTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Bha an SS Arandora Star na soitheach crùis ron chogadh

LeShona NicDhòmhnaillagusTeàrlach QuinnellBBC Naidheachdan
  • Air fhoillseachadh

Air an dàrna den Iuchar 1940, bho chionn 86 bliadhna chun an là, chaidh an soitheach an SS Arandora Star a chur fodha le bàt'-aiginn Gearmailteach far chosta na h-Èireann.

B' e àm an Dàrna Cogaidh a bh' ann, agus bha i a' dèanamh air Canada, a' giùlain nan ceudan à Breatainn le ceanglaichean Eòrpach a bha an riaghaltas an amharas a bhiodh a' taobhadh ris an nàmhaid.

Clachan-uaghach ann an Uibhist

Chaill còrr air an dàrna leth de na bh' air bòrd am beatha, agus b' e Eadailtich a bh' anns a' chuid mhòir dhuibh.

'S ann am-bliadhna a tha an call ga chomharrachadh le là cuimhneachaidh airson a' chiad uair anns an Eadailt fhèin.

Tha feadhainn den ghlè bheag dhiubh a fhuaireadh air an tìodhlacadh ann an Uibhist.

Alasdair MacEachainn
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Alasdair MacEachainn, à Beinn na Faoghla, eòlach air eachdraidh an eilein

Dh'fhàg i Liverpool air an là mu dheireadh den Ògmhios.

Bha gach fear a bha i a' giùlain nas sine na 16, 's iad air an cruinneachadh aig an riaghaltas air sgàth 's gur ann às a' Ghearmailt, an Eadailt no an Ostair a bha iad bho thùs.

Dà là an dèidh sin, thàinig i faisg air U-47 - bàt'-aiginn Gearmailteach le sgiobair aig an robh cliù airson mòran shoithichean a chur fodha.

"'S e an torpedo mu dheireadh a bh' aice air bòrd tha e coltach 's cha robh iad cinnteach fiù 's an robh an torpedo seo a' dol a dh'obrachadh," thuirt Alasdair MacEachainn, à Beinn na Faoghla, 's a tha eòlach air eachdraidh an eilein.

"Tha mi a' creidsinn, bha i a' dèanamh a slighe air ais. Günther Prien, bha e rudeigin ainmeil. Fiù 's cho tràth sin sa chogadh bha e air 30 soitheach a chur fodha.

"'S bha e caran air ainm a dhèanamh dha fhèin a thaobh gur e a chuir fodha an Royal Oak ann an Scapa Flow dìreach deireadh na bliadhna ron sin."

Günther PrienTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Bha cliù aig sgiobair U-47, Günther Prien, mar thà airson 30 soitheach a chur fodha

Chaidh beagan a bharrachd air 1,200 fear a chur air an Arandora Star - 717 Eadailtich nam measg.

Agus bha 200 geàird còmhla ri 164 de chriutha.

Uile gu lèir bha còrr air a thrì uiread air bòrd na bha àbhaisteach dhan Arandora Star, a bha na soitheach crùis leis a' Blue Star Line ron chogadh, 's a chaidh a thoirt an seirbheis leis an riaghaltas.

"Bha Churchill air na daoine seo a chruinneachadh agus bha iad air a thrì uiread a chur air bòrd - 1,600 ann an soitheach nach robh freagarrach ach airson 500," thuirt Mgr MacEachainn.

"Bha na deiceannan air an cuairteachadh le uèir bhiorach.

"Bàta air nach robh ach uiread seo de bhàtaichean-teasairginn airson dèiligeadh ri 500.

"Dè mar a bha 1,600 a' dol a dh'fhaighinn a-staigh dha na bàtaichean beaga a bh' oirre?

"Leis cho luath 's a chaidh i sìos, feumaidh gun robh an suidheachadh uabhasach."

Clach-uaghach ann an Uibhist
Fo-thiotal an deilbh,

Thàinig an corp aig Uilleim Colouhoun à Beinn na Faoghla, a bh' anns na Lovat Scouts, air tìr ann am Barraigh

Sia seachdainnean an dèidh a cur fodha, thàinig corp Uilleim Colouhoun à Beinn na Faoghla, a bh' anns na Lovat Scouts, air tìr ann am Barraigh.

Tha esan air a thiodhlacadh ann an Cladh Bhaile nan Cailleach.

Tha Ian Connely, aig an robh buntanas ri Uibhist a Deas air ainmeachadh air a' charragh chuimhne aig Beinn na Coraraidh san eilean.

Bha còrr air 800 duine air an call - Eadailtich a bu mhotha. 'S e glè ghlè bheag dhiubh a chaidh a lorg.

Ach tha dithis air an tìodhlacadh ann an Cladh Hàlainn ann an Dalabrog.

Thàinig cuirp air tìr cho fada deas ri Ìle 's Colbhasa, cladach an iar na h-Èireann, a bharrachd air Barraigh agus Uibhist a Deas.

Bha cuideachd an Corporal Ruairidh MacMhathain às a' Bhaile Shear, agus Ruairidh MacSuain à Gèirinis, 's a bh' anns na Lovat Scouts, am measg na fhuair às le am beatha.

Clach-uaghach san Eadailtis ann an Uibhist
Fo-thiotal an deilbh,

Tha cuid de na h-Eadailtich a chaidh a bhàthadh air an tiodhlacadh ann an Uibhist

Bha riaghaltas Churchill den bheachd gur iad na h-Eadailtich na daoine a bu chunnartaiche de na coigrich a bha a' fuireach am Breatainn tro thìde a' chogaidh.

Ach bha iad air an cur a-mach às an dùthaich gun measadh a dhèanamh feuch co-dhiù bha iad a' taobhadh ris na Faisistich.

An dèidh call an Arandora Star, dh'atharraich sin - gu ìre.

Thèid an call a chomharrachadh anns an Eadailt le là cuimhneachaidh airson a' chiad uair am-bliadhna air an 11mh là den Dàmhair - an deit air an do bhàsaich Rando Bertoia ann an 2013.

B' esan - Eadailteach-Albannach à Glaschu - an duine mu dheireadh de na thàinig às an uabhas beò.

Clach-uaghach ann an Uibhist