Seachdnar san ospadal an dèidh tubaist le grunn charbadan an Loch Abar

An A839 ann an Loch Abar le carbadan air agus taigh geal air an làimh dheis agus taighean eile air an taobh eileTùs an deilbh, Google
Fo-thiotal an deilbh,

Thachair an tubaist air an A830 sa Chorpaich

  • Air fhoillseachadh

Tha na poilis ag ràdh gun deach seachdnar a thoirt dhan ospadal an dèidh tubaist air rathad an A830 faisg air a' Ghearasdan.

Bha grunn charbadan an sàs san tubaist aig a' Chorpaich feasgar Diciadain.

Chaidh na seirbheisean èiginn a ghairm chun na làraich mu 2.15f, nam measg grunn charbadan-eiridin.

Thug iad seachdnar a dh'Ospadal a' Bhelford sa Ghearasdan.

Bha an rathad dùinte airson timcheall air còig uairean de thìde, agus dh'fhosgail e a-rithist mu 7.00f.

Chaidh ceathrar a thoirt dhan ospadal an dèidh tubaist fa leth eadar dà charbad, air an A82 deas air a' Chrìon Làraich, goirid ro mheadhan-là Diciadain.

Chuir Seirbheis Teasairginn is Smàlaidh na h-Alba trì innealan chun na làraich, fear bho Gheamaichean Gàidhealach Chill Fhinn nam measg.

B' fheudar dhaibh neach a ghearradh a-mach às a' charbad san robh iad.

Bha slighean eile a b' urrainn draibhearan a ghabhail fhad 's a bhathar a' dèiligeadh ris an tubaist, agus chaidh an rathad fhosgladh a-rithist mu 7.00f.