Tòisichidh làn sheirbheis Loganair às ùr eadar Inbhir Nis is Steòrnabhagh

Itealan Loganair san adhar Tùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Thuirt Loganair gun stèidhicheadh iad na seirbheisan às ùr nam faigheadh iad maoineachadh

  • Air fhoillseachadh

Thug Riaghaltas na h-Alba £1.06m do Phort-adhair na Gàidhealtachd is nan Eilean (HIAL) airson seirbheisean adhair Loganair a chaidh a ghearradh à Inbhir Nis gu Steòrnabhagh, Kirkwall agus Sumburgh ath-stèidheachadh.

Sguir Loganair de chuid de na seirbheisean eileanach san Iuchar an dèidh dhaibh rabhadh a thoirt nach robh gu leòr dhaoine gan cleachdadh.

Dh'fhàg sin nach robh seirbheis maidne ann tuilleadh a Steòrnabhagh, agus nach robh seirbheis a dh'Arcaibh agus Sealtainn ach air an deireadh-sheachdain.

Thuirt Loganair aig an àm gur ann rè ùine a bha iad a' dèanamh seo agus gun tilleadh iad na seirbheisean as t-fhoghar nam faigheadh iad maoineachadh.

Bidh na seirbheisean a chailleadh a' tòiseachadh às ùr air an 26mh den Dàmhair.

Tha Comhairle agus Bòrd Slàinte nan Eilean Siar, buidhnean poblach eile agus companaidhean prìobhaideach am measg na thog dragh mun bhuaidh eaconomach a bhiodh aig na gearraidhean air an sgìre.

Dhearbh Rùnaire na h-Eaconomaidh, na Turasachd is na Còmhdhail Stephen Flynn gun tòisich na seirbheisean às ùr an dèidh "còmhraidhean coimeirsealta" eadar Loganair agus HIAL.

Thuirt e: "Bidh Còmhdhail na h-Alba a-nis ag obair còmhla ri HIAL agus buidhnean eile feuch ciamar a ghabhas dèanamh cinnteach gum bi seirbheisean adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean seasmhach dhaibhsan a tha an eiseimeil riutha."

Tha Luke Farajallah, Àrd-oifigear Loganair, ag ràdh gun tuig iad gu bheil "na slighean seo fìor chudromach do dhaoine a tha a' crochadh orra, agus cha do dhìochuimhnich sinn sin idir".

Thuirt e: "'S e companaidh phrìobhaideach a th' annainn, agus chan eil e an-còmhnaidh comasach dhuinn slighean air nach eil fèill mhòr a chumail a' dol leinn fhein.

"Cumaidh sinn oirnn ag obair còmhla ri HIAL agus Còmhdhail Alba airson na seirbheisean seo a chur air bun-stèidh nas seasmhaiche."

Tuilleadh air an sgeulachd seo