Connspaid nan ceadan-tagsaidh 'uabhasach' a rèir John Swinney

Thuirt John Swinney gun do dhèilig Comhairle na Gàidhealtachd ri co-dhùnadh a rinn comataidh na ceadachd aca
- Air fhoillseachadh
Thuirt am Prìomh Mhinistear gur e "connspaid uabhasach" a bh'ann do Chomhairle na Gàidhealtachd cead-tagsaidh fhàgail an ainm fear a rinn èigneachadh.
Ach thuirt e gun do dhèilig an t-ùghdarras ionadail ris san dòigh cheart.
Sa Chèitean, chaidh Daibhidh Brown, 50, à Crothaidh, a chur dhan phrìosan airson sia bliadhna agus naoi mìosan airson boireannach, 18, èigneachadh an cùl an tagsaidh aige.
San Ògmhios, bhòt sianar bhall fireann air comataidh ceadachd na Gàidhealtachd gun na ceadan-tagsaidh aig Brown a thoirt bhuaithe, agus bhòt ceathrar chomhairlichean boireann an aghaidh sin.
Thuirt John Swinney gur e an "co-dhùnadh ceàrr" leigeil le Brown na ceadan a chumail.
Co-dhùnadh mu chead-tagsaidh èigniche 'maslach' a rèir neach-gairm comhairle
- Air fhoillseachadhBho chionn 5 uairean
Draibhear tacsaidh gus ath-thagradh a dhèanamh an aghaidh dìteadh 'son èigneachaidh
- Air fhoillseachadh13 An t-Iuchar
Rinn carthannasan a tha a' cumail taic ri daoine a dh'fhuiling èigneachadh càineadh air a' cho-dhùnadh.
Tha sianar chomhairlichean air an dreuchdan air comataidh na ceadachd a leigeil dhiubh agus tha fear aca, Willie MacAoidh, cuideachd air seasamh sìos mar chomhairliche. Bidh fo-thaghadh ann an uàrd Inbhir Ùige agus Gallaibh an Ear ann fhathast.
Chuir Brown bhuaithe na ceadan aige Dilauin gu saor-thoileach, mus robh cothrom aig an làn-chomhairle ath-sgrùdadh a dhèanamh air co-dhùnadh na comataidh aig coinneamh shònraichte.
Chaidh a' choinneamh sin air adhart Dimàirt, agus thuirt an neach-gairm Bill Lobban gur e "àm an-fhoise" a bh' ann ann an eachdraidh an ùghdarrais ionadail.
Bidh bhòt cion-earbsa a-nis ann an còignear chomhairlichean aig coinneamh den làn-chomhairle san t-Sultain.
Nam measg tha Sean Ceanadach, seann chathraiche na comataidh, agus nach eil an lùib buidhinn sam bith air a' chomhairle tuilleadh an dèidh dha ballrachd sa bhuidhinn neo-eisimilich a leigeil seachad.
'S iad càch: an Tòraidheach Ruairidh Stiùbhart; comhairliche Caidreachas na Gàidhealtachd Donnchadh Mac a' Phearsain; John Grafton, air an do chuir na Libearalaich Dheamocratach casg rè ùine; agus Chris Birt, air a bheil casg rè uine bhon SNP.

Chaidh Daibhidh Brown a chur dhan phrìosan sa Chèitean airson boireannach òg èigneachadh
A' bruidhinn air thuras ann an Dùn Dè, thuirt Mgr Swinney: "Tha an aimhreit mu Dhaibhidh Brown air a bhith uabhasach agus tha mi a' smaoineachadh gun do dhèilig Comhairle na Gàidhealtachd ris gu ceart leis a' cho-dhùnadh a rinneadh an-dè."
Thuirt am Prìomh Mhinistear: "Tha mi toilichte gun deach a' chùis a rèiteach agus tha co-dhùnaidhean an urra ri ùghdarrasan ceadachd fa leth agus 's ann leothsan a tha na cumhachdan reachdail.
"Cha chreid mi nach do dh'aithnich Comhairle na Gàidhealtachd seo - gun deach an co-dhùnadh ceàrr a dhèanamh sa chiad dol a-mach, agus gum feum ùghdarrasan ceadachd coimhead air buaidh a' cho-dhùnaidh sin."
Air oidhche na h-ionnsaigh san Dùbhlachd 2023, bha Brown a' toirt còmhdhail dhan bhoireannach a bh' air a bhith a-muigh ann an Inbhir Nis.
Seach a toirt dhan bhaile aice, chaidh Brown seachad air a dachaigh agus stad e aig oir an rathaid faisg air tuathanas, eadar Inbhir Pheofharain agus Srath Pheofhair, far an do dh'èignich e i.
Dh'fhàg e an uairsin i ann an sìde reòta ann an Inbhir Pheofharain.
Tha Brown a' dol às àicheadh nan casaidean, agus tha e am beachd ath-thagradh a dhèanamh air an dìteadh agus air a' bhinn-phrìosain a chaidh air.